Aonta mu thaighean ùra air an Tairbeart

- Air fhoillseachadh
Tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh agus Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) air aonta a ruighinn mu làrach airson taighean ùra air an Tairbeart.
Thathar an dòchas suas ri 48 taigh a thogail os cionn Rathad Scott, air talamh a tha le croitearan na sgìre an-dràsta.
Cha deach cead-dealbhachaidh iarraidh fhathast agus tha feum air ceumannan laghail eile eadar seo agus obair-togail sam bith, ach tha an t-Urras agus HHP a' cur fàilte bhlàth air an naidheachd.
Aig an ìre seo tha dòchas gum biodh na taighean air an toirt seachad do theaghlaichean ann an 2027 no 2028.
Thuirt Mìcheal Mac an t-Sealgair, Manaidsear Urras Ceann a Tuath na Hearadh, gun robh iad air a bhith ag obair le na croitearan fad dà bhliadhna gus an ìre seo a ruighinn.
"Tha cead againn bho na croitearan air fad, agus litrichean, agus tha iad uile air an dòigh leis", thuirt Mìcheal.
Dh' aidich e gun robh ceistean fhathast ri fhreagairt ge-tà.
"A' choimhearsneachd air fad... tha beachdan eadar-dhealaichte ann, gu sònraichte mu dheidhinn rathaidean agus ciamar a bhios carabadan a' dol a-mach agus a-steach.
"Cuideachd ma tha barrachd dhaoine ann, bidh barrachd chloine ann - dhan sgoil, seirbheisean is mar sin air adhart.
"Tha trioblaid leis an òtrachas, 's dòcha, ciamar a bhios sin air obrachadh a-mach, chan eil e cho soilleir fhathast ach tha e cudromach a ràdh gum bi pròiseas dealbhachaidh a' tachairt agus bidh a h-uile càil dhen sin air a shoillearachadh."
Tha HHP an-dràsta a' leasachadh 12 taigh ann an ceann a deas na Hearadh ach cha deach taighean sòisealta a thogail air an Tairbeart ann an còig bliadhna.
Thuirt neach-labhairt HHP gun robh iad "a' cur fàilte air a' chlach-mhìle seo agus sinn ag obair feuch barrachd thaighean a thogail air an Tairbeart."
Bha sreath trioblaidean aig a' bhuidhinn an lùib obair-togail air ochd flataichean air a' phrìomh rathad, mu choinneamh Sgoil an Tairbeirt.
Tha Atlantic Land and Property, leis a bheil cuid den fhearann, cuideachd air aontachadh gun tèid rathad ùr a thogail a-steach don làraich air cùlaibh far a bheil stèisean nam maor-cladaich.

Gheibhear seallaidhean a-mach chun an iar, agus dhan ear, bhon làraich os cionn an Tairbeirt.
Chaidh cead a thoirt seachad an-uiridh do phròiseact eile airson taighean do luchd-obrach anns a' bhaile, ach chaidh co-dhùnadh gun leantainn air adhart leis a sin is mì-thoileachas am measg na coimhearsnachd mu phàirtean dheth.
Thuirt Mìcheal gun robh an t-Urras air leasannan ionnsachadh bho na thachair.
"Cha robh fios aig a' choimhearsnachd mu dheidhinn", thuirt e, "cha deach an còmhradh ceart a dhèanamh.
"'S dòcha gun robh e ro thràth a' dol gu cead-dealbhachaidh, ach ann an dòigh eile, cha robh air sgàth gun robh feum air cead-dealbhachaidh airson a bhith comasach air an talamh a thoirt a-mach à talamh croitearachd.
"Leis a' phròiseact seo, tha an còmhradh air a bhith a' tachairt, agus bha co-chonaltradh againn an-uiridh le mu 70 freagairt, a' mhòr-chuid dhuibh air a shon."
Tha an t-Urras an dòchas gun toir seo buaidh air baile an Tairbeirt, ach chan eil Mìcheal an dùil gum bi cus anns a' chiad cheùm de 24 thaighean.
"Leis cho mòr 's a tha am baile an-dràsta, cia mheud taigh a tha ann an-dràsta, 's dòcha 200 no barrachd air sin, chan eil e cho mòr mòr sin, 's dòcha 10% eile.
"Se pàirt chudromach a th' ann, bidh 24 taigh ann an toiseach agus ma tha feum air, thèid am pàirt eile a thogail."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An Cèitean
- Air fhoillseachadh1 An Dàmhair 2024
- Air fhoillseachadh13 An t-Samhain 2019