Laigsean fhathast aig dachaigh-cùraim Taigh Shìophoirt

Taigh Shìophoirt
  • Air fhoillseachadh

Fhuair Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim gu bheil grunn laigsean fhathast aig dachaigh-cùraim Taigh Shìophoirt ann an Steòrnabhagh.

Thadhal an luchd-sgrùdaidh air an dachaigh-cùraim, gun fhios ro làimh, san t-Sultain.

Fhuair iad nach deach mòran dhe na molaidhean a thàinig bhuapa às dèidh an sgrùdaidh mu dheireadh sa Chèitean a chur an sàs.

Chaidh dhà a-mach à trì pàirtean dhen t-seirbheis air an do rinn iad sgrùdadh a mheas "lag".

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar, a bhios a' ruith na dachaigh-cùraim a chaidh fhosgladh sa Mhàrt, nach eil na fhuair an luchd-sgrùdaidh idir aig an ìre a tha iad a' sùileachadh airson nan seirbheisean aca.

Thuirt iad gun cùm iad fios ri teaghlaichean mun dòigh a tha iad an dùil piseach a thoirt air an t-seirbheis.

"Lag"

Ann an aithisg Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim, chaidh an ìre de thaic do shlàinte dhaoine aig an dachaigh-cùraim agus ceannas na seirbheis a mheas "lag".

Aig a' cheart àm bha planadh airson cùraim agus taic air a mheas "math gu leòr".

Am measg phrìomh theachdaireachdan an luchd-sgrùdaidh, fhuair iad gun robh an luchd-obrach "coibhneil agus cùramach" agus gun robh iad a' cumail fios ri teaghlaichean mu atharrachaidhean ann an slàinte an luchd-dàimh.

Ach fhuair iad cuideachd "nach robh daoine an-còmhnaidh a' fàighinn nan cungaidhean-leigheis cearta aig an àm cheart".

Cho-dhùin iad gum faodadh slàinte agus sàbhailteachd dhaoine a bhith ann an cunnart, neo gur dòcha nach tèid coinneachadh ris na feumalachdan aca, mura tig piseach cho luath sa ghabhas.

Tha iad ag ràdh gum feum sin tachairt ro dheireadh na mìos.

A thaobh ceannais, thuirt iad gun robh na pròiseasan sgrùdaidh a chaidh a chur an sàs às dèidh an sgrùdaidh mu dheireadh neo-èifeachdach sa chumantas.

Thuirt iad gun robh seo ri fhaicinn sna sgrùdaidhean air cungaidhean-leigheis nach do thog gun robh dòsaichean ceàrr gan thoirt seachad.