Drochaid-choise ùr air fàire aig cidhe aiseig Steòrnabhaigh

Alt-aiseig Steòrnabhaigh leis an drochaid-choise nach gabh cleachdadh cuideachd ri fhaicinn
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Ùghdarras Puirt Steòrnabhaigh gu bheil obair a' leantainn airson drochaid ùr fhaighinn do luchd-siubhail air chois aig a' chidhe aiseig.

Tha seo còrr is bliadhna an dèidh an tè a bh' ann briseadh.

Bhon uair sin, b' fheudar do luchd-siubhail aig nach eil carbad coiseachd air bòrd thar an alt-aiseig fhèin.

Tha ùghdarras a' chala ag ràdh nach gabh an seann drochaid-choise a chàradh agus gum feum iad tè gu tur ùr fhaighinn.

Feumaidh i sin a bhith air a dealbh airson a bhith a' freagairt air an Loch Seaforth, am prìomh aiseag air an t-slighe a dh'Ulapul, agus air an tìde-mhara ann an Steòrnabhagh.

Tha an t-ùghdarras ag ràdh gun deach obair-dealbhachaidh a dhèanamh is gu bheil iad "a' gluasad a dh'ionnsaigh cùmhnantan a chur a-mach gu tairgse".

Thuirt Àrd-oifigear Puirt Steòrnabhaigh, Ailig MacLeòid, gu bheil "iad a' tuigsinn cho sàraichte 's a tha e do dhaoine nach eil drochaid-choise ann".

Thuirt e: "'S e suidheachadh toinnte a th' air a bhith ann le còmhraidhean laghail agus coimeirsealta a' dol leis a' chompanaidh a rinn a' chiad shiostam.

"Gu mì-fhortanach, dh'fhàg seo gun robh sinn air ar cuingleachadh a thaobh na b' urrainn dhuinn a ràdh gu poblach."

Thuirt an t-ùghdarras gum biodh maoineachadh calpa a dhìth orra airson am pròiseact a thoirt gu buil ach gu bheil iad a' dèanamh "a h-uile càil as urrainn dhuinn".