Seirbheis ùr bhagaichean aig Port Steòrnabhaigh

- Air fhoillseachadh
Thòisich seirbheis ùr airson luchd-siubhail a chuideachadh lem bagaichean air aiseag Steòrnabhaigh.
Bidh bhana a-nis a' togail bhagaichean dhaoine nach eil a' siubhal le càr agus gan toirt air bòrd.
Bheir am bhana an uairsin bhon aiseag iad air a' cheann eile.
Tha mì-thoileachas air a bhith ann bho bhrist an drochaid aig port Steòrnabhaigh do luchd-coise a tha a' dol air is a' tighinn far an aiseig.
Bha sin a' fàgail gum feumadh daoine bagaichean a ghiùlain sìos staidhrichean agus tro dheic nan càraichean.
Thuirt Ùghdarras Port Steòrnabhaigh as t-samhradh gun robh "fàiligeadh ann air rud a tha critigeach a thaobh sàbhailteachd" a thaobh na drochaid is nach eil e furasta na pàirtean a tha a dhìth fhaighinn.
A' bruidhinn Diluain, thuirt àrd-oifigear Port Steòrnabhaigh, Ailig MacLeòid, gu bheil iad ag obair air fuasgladh san ùine fhada airson na drochaid.
"Tha sinn a' tuigsinn nan draghan a th' air luchd-siubhail is tha sinn airson innse dhaibh gu bheil e na phrìomhachas dhuinn fuasgladh fhaighinn.
"Tha seirbheis bhan air tòiseachadh an-diugh gus luchd-coise a chuideachadh is tha sinn ag obair còmhla ri CalMac is Port Ullapuil gus seo a chur an sàs.
"Tha luchd-obrach ChalMac cuideachd ri fhaighinn airson taic a bharrachd a thoirt seachad ann an Steòrnabhagh ma tha feum air sin.
"Tha sinn mothachail gu bheil seo air bacadh a chur air daoine is tha sinn ag obair gus fuasgladh maireannach fhaighinn, is tha sinn taingeil airson foighidinn an luchd-siubhail", thuirt e.