Taraifean Aimeireaganach a' dol a thoirt "droch bhuaidh" air Ghàidhealtachd

Dòmhnall TrumpTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir an Ceann-Suidhe Trump taraifean 10% air bathair às an Rìoghachd Aonaichte

  • Air fhoillseachadh

Le taraifean 10% a-niste air an cur air bathair às an Rìoghachd Aonaichte a thèid a reic ris na Stàitean Aonaichte, tha gnothachasan air Ghàidhealtachd air a bhith a' tomhas dè a' bhuaidh a bheir sin orrasan.

Dh'innis an Ceann-Suidhe Trump Diciadain gun cuir Washington taraifean air stuth às cha mhòr a h-uile dùthaich san t-saoghal - ach a-mhàin an Ruis agus Coirea a Tuath - 's e ag ràdh gur e freagairt a th' ann air na tha dùthchannan eile a' dèanamh air na Stàitean Aonaichte.

Tha an 10% a chuireadh air an RA am measg "bun-ìre" de tharaif a tha a' dol air grunn dùthchannan.

Chuir e taraif 20% air an EU, agus taraif cho àrd ri 54% air Sìona.

Bheir na taraifean air bathair Bhreatannach buaidh air stuthan a tha gan dèanamh air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, eadar bradan, uisge-beatha agus Clò Hearach, le cosgaisean a bharrachd a' tighinn air companaidhean stuth a chur a-null a dh'Aimeireaga.

Glainne de dh'uisge-bheathaTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Comann Uisge-bheatha na h-Alba gur e "briseadh dùil" a bh' anns na taraifean

Uisge-beatha

Thuirt Comann Uisge-bheatha na h-Alba gur e briseadh-dùil a th' ann, 's iad a' cur fàilte air oidhirpean Riaghaltas Bhreatainn feuch aonta malairt a ruighinn le Washington.

'S e na Stàitean Aonaichte a' mhargaidh eadar-nàiseanta as motha a th' ann do dh'Uisge-bheatha Albannach, luach £971m don ghnìomhachas ann an 2024.

Tha Anthony Wills a' ruith taigh-staile ann an Ìle.

"Dhuinne gu pearsanta, tha e a' riochdachadh 10% de na tha sinn a' reic," thuirt e.

"Mar sin 's e buille mhòr a bhios ann, gu h-àraid leis na duilgheadasan eaconomach a tha romhainn uile an-dràsta, bidh seo na dhuilgheadas 's na dhùbhlan mòr dhuinn uile."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Niall Mitchison a bha roimhe ag obair dhan Choimisean Eòrpach

Chaidh taraifean 25% a chur air Mac na Braiche roimhe ann an 2019 a' chiad turas a bha Dòmhnall Trump na Cheann-Suidhe. Tha dùil gun do chosg sin mu £600m don ghnìomhachas thairis air dà bhliadhna.

Bha sin co-cheangailte ri eas-aonta mu shubsadaidhean EU don chompanaidh phlèanaichean Airbus. Chaidh na taraifean a thogail le rèite air a' chùis ann an 2021.

Thuirt Bradan Alba gu bheil mun cheathramh cuid den bhradan a tha ga àrach 's ga ghiollachd an Alba ga chur chun nan Stàitean Aonaichte, agus iad ag ràdh gu bheil misneachd mhòr aca gun cùm Aimeireaganaich orra ga cheannach.

Ceit FhoirbeisTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh air an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, mu bhuaidh nan taraifean air Alba

Ceanglaichean

Dh'innis an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis gu bheil dragh air Riaghaltas na h-Alba mun bhuaidh a bheir na taraifean air an eaconomaidh.

"Bheir na taraifean a chaidh a chur an sàs buaidh, gu follaiseach, air mòran ghnothachasan Albannach dha bheil na Stàitean Aonaichte nam margaidh churdomach," thuirt i.

"Chan eil sinne den bheachd gur e ceumanan aon-taobhach leis na Stàitean Aonaichte am freagairt, agus tha dragh oirnn mun droch bhuaidh a bheir bacaidhean malairt air eaconomaidh na h-Alba.

"Chuireamaid ìmpidh air na Stàitean Aonaichte agus na pàrtaidhean uile tighinn ri chèile a dh'obrachadh a dh'ionnsaigh fuasglaidhean a bhios a chùm buannachd gach taobh.

"Tha sinn a' cur luach mòr air na ceanglaichean làidir sòisealta, cultarail agus eaconomach eadar Alba agus na Stàitean Aonaichte, agus nì sinn obair a dhèanamh cinnteach gum bi na ceanglaichean seo a' sìor shoirbheachadh."

Thuirt am Prìomhaire, Sir Keir Starmer, nach eil cogadh malairt a chùm buannachd duine sam bith, agus gun gabh e ceumannan a chùm maith na dùthcha agus maith ghnothchasan Breatannach.