SSEN a' tarraing a-mach à fo-stèisean a thogail air iomall Steòrnabhaigh

Crann-gaoitheTùs an deilbh, Philip Silverman
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh SSEN Dimàirt gu bheil iad air taraing a-mach às a phlana aca fo-stèisean ùr a thogail air iomall Marybank faisg air Steòrnabhagh.

Tha seo ri linn co-chonaltradh le buidhnean ionadail sa choimhearsnachd.

Cha do dhearbh iad fhathast càite am bi an stèisean is iad a' dol a mheòrachadh air sna seachdainnean ri thighinn.

A-rèir SSEN, tha am pròiseact seo deatamach 'son leasachadh cumhachd ath-nuadhachail agus 'son a' chàball mòr dealan a bhios a ceangal Leòdhas is tir-mòr.

Thathas a' sùileachadh gum bi sin ann an àite ro 2030.

Bha ge-tà faireachdainn làidir aig na coimhearsnachdan mun làrach.

Bha SSEN a' moladh fo-stèisean anns am biodh 600 meatair de dh'fhaid agus 300 meatair de leud.

Am measg grunn bhuidhnean a thog dragh bha Comann Coimhearsnachd Marybank agus Maryhill, a thuirt gum biodh sin ro mhòr agus ro fhaisg, agus dragh orra cuideachd mun fhuaim.

Dhearbh SSEN Dimàirt gum biodh iad a-nis a' coimhead ri làraich eile an-dèidh co-chonaltradh le luchd-ùidhe, croitearan is buidhnean riatanach eadar-dhealaichte, agus gu bheil obair a leanntainn gus làrach eile a thaghadh, le dùil ri fios a bharrachd mun a sin sna seachdainnean ri thighinn.