A' chiad Cho-fharpais Scrabble Gàidhlig na Cruinne

Murchadh Dòmhnallach agus bocsa Scrabble Gàidhlig
  • Air fhoillseachadh

'S e Murchadh Dòmhnallach bhon Bhac a rinn a' chùis nuair a chaidh a' chiad Cho-fharpais Scrabble Gàidhlig na Cruinne a chumail ann an Steòrnabhagh air an deireadh-sheachdain.

'S ann dìreach bho chionn ghoirid a thàinig dreach Gàidhlig den gheama-bhùird ainmeil a-mach, agus b' e stiùirichean An Taigh-Chèilidh sa bhaile a bh' air cùl na h-iomairt agus 's ann an sin a bha a' cho-fharpais.

Bha Murchadh a' cluich an aghaidh Aonghais Dhòmhnallaich à Beàrnaraigh.

B' e an sgòr aig Murchadh 353 puingean, agus fhuair Aonghas 134 puingean.

Fo-thiotal an deilbh,

Feumaidh facail a bhith ann am faclair Dwelly agus a-rèir riaghailtean litreachaidh ùr

An duais a fhuair Murchadh? Dè eile ach bogsa Scrabble Gàidhlig.

Thuirt e: "Tha mi a' smaoineachadh gum bi e math do dhaoine de mo leithid fhèin aig a bheil Gàidhlig.

"Bidh e math do luchd-ionnsachaidh cuideachd airson barrachd den chànan ionnsachadh.

"'S e prèasant Nollaige math a th' ann," thuirt e.

Fo-thiotal an deilbh,

Bha càraid à Seattle cuideachd a' gabhail pàirt sa cho-fharpais

Bha Meredith Hale agus Eric Yarnell, càraid phòsta à Seattle a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, a' taisbeanadh an cuid sgilean Gàidhlig sa cho-fharpais.

"Chuir e ìongnadh orm na fhuair sinn de dh'fhacail leis nach eil sinn fileanta sa Ghàidhlig," thuirt Eric.

'S e Meredith a rinn a' chùis air an duine aice.

"Tha e a' còrdadh rinn glan a bhith a' cluinntinn na Gàidhlig mun cuairt oirnn agus a bhith a' feuchainn ri na 's urrainn dhuinn dhith a chleachdadh," thuirt i.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha barrachd phuingean aig fuaimreagan le stràc

Am measg nam facal a bu luachmhoire sa cho-fharpais bha 'cò' a fhuair 30 puingean, 'freumh' a choisinn 24 puingean agus 'putan' le 22 puingean.

Chan eil ach 19 litrichean ann an aibidil na Gàidhlig.

Tha stràc cuideachd air fuaimreagan ann an cuid de bhriathran, agus gheibh cluicheadairean sgòr nas àirde airson iad sin a chleachdadh.

Tha am bòrd agus na riaghailtean ann an Gàidhlig agus tha na tha de thaidlichean a' tighinn a rèir cho tric agus a bhios na litrichean a' nochdadh sa chànan.

Tùs an deilbh, An Taigh-Cèilidh
Fo-thiotal an deilbh,

Teàrlach Wilson, fear de stiùirichean An Taigh-Chèilidh

'S e an Taigh-Cèilidh a bh' air cùl na h-iomairt Scrabble Gàidhlig a chruthachadh agus a cheadachadh, an co-bhann le companaidh ann an Lunnainn, Tinderbox Games.

Chaidh an geama a chruthachadh ann an 1948 agus tha e ri fhaotainn ann an còrr agus 120 dùthaich, an Rìoghachd Aonaichte nam measg.

'S e a' Ghàidhlig an 29mh cànan sa bheil Scrabble ri fhaotainn, agus an treas cànan Ceilteach (an dèidh na Cuimris agus na Gaeilge) aig a bheil dreach dheth.

Tha An Taigh-Cèilidh air 1,000 bogsa Scrabble Gàidhlig fhaighinn ach tha fèill mhòr air a bhith air agus tha iad mu thràth air 850 a reic.