Eòlaiche corporra ag obair aig Stòras Uibhist is iarrtas 'son EGM

Oifis Stòras Uibhist
  • Air fhoillseachadh

Tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn gu bheil Stòras Uibhist air neach a thoirt a-steach na chomhairliche le cumhachdan riaghlaidh.

Tha seo a' tighinn an dèidh mar a fhuair dà aithisg gu bheil riaghladh an uachdarain choimhearsnachd "dìreach uabhasach", le mì-thuigse air dleasdanasan, casaidean de bhurraidheachd, agus "cron nach gabh tomhas" air cliù na buidhne.

Thàinig na h-aithisgean sin bhon bhuidhinn Mentor aig Banca Rìoghail na h-Alba agus bho Roinn-ghnìomha Slàinte is Sàbhailteachd.

'S e an tuigse a th' aig BBC Naidheachdan a-nise gun deach Tom MacIllinnein fhastadh le bòrd Sealladh na Beinne Mòire, companadh pàrant Stòras Uibhist, mar chomhairliche le cumhachdan riaghlaidh.

Thathar a' tuigsinn gun do thòisich Mgr MacIllinnein bho chionn faisg air cola-deug.

Tha e mion-eòlach air ath-chruthachadh corporra a rèir làraich-lìn na companaidh FRP, eòlaichean corparra is ionmhais, far a bheil e air ainmeachadh mar chomhairliche.

Structar Sealladh na Beinne Mòire
Fo-thiotal an deilbh,

Structar Sealladh na Beinne Mòire. Bidh daoine tric a' gabhail Stòras Uibhist air an uachdaran choimhearsnachd gu lèir

Aig a' cheart àm, tha e coltach gu bheil iarrtas air nochdadh Coinneamh Èiginneach (EGM) de Shealladh na Beinne Mòire a chumail, leis a' phrìomh amas triùir stiùirichean a chur far a' bhùird sa bhad.

'S e an tuigse aig BBC Naidheachdan gun do dh'aontaich bòrd SURE, a' chompanaidh chumachd aig Stòras Uibhist, rùn airson EGM far am biodh gluasad ann an trìuir stiùireachan a chur far a' bhùird.

Tha BBC Naidheachdan a' tuigsinn gun deach an rùn seo a chur gu Mgr MacIllinnein le Stòras Uibhist.

Dh'fheumte co-dhiù 10% de bhallrachd Sealladh na Beinne Mòire taic a chur ri iarrtas airson EGM a ghairm.

"Poblach agus millteach"

Dh'iarr Stòras Uibhist air Mgr MacIllinnein cuideachd iarraidh air an triùir bhall sin an dreuchdan a leigeil dhiubh seach "a' bhuidheann a chur tro EGM a bhiodh poblach agus millteach".

Cha d'fhuair BBC Naidheachdan freagairt bho bhòrd Sealladh na Beinne Mòire às dèidh iarrtas 'son dearbhadh a bheil iad air Mgr MacIllinnein fhastadh agus dè an obair a bhiodh aige.

A thaobh iarrtas gus coinneamh èiginneach a chumail, thuirt neach-labhairt bòrd Sealladh na Beinne Mòire:

"Feumar riaghailtean teann a leantainn a thaobh lagh chompanaidhean airson coinneamhan bliadhnail agus èiginneach, nam measg gum bidhear a' conaltradh leis a' bhallrachd ro choinneimh sam bith.

"Mar sin, cha toir Bòrd Sealladh na Beinne Mòire beachd air coinneamhan air an cur air dòigh neo ris nach eil dùil mus bi iad air an cumail."