Cùmhnant ga thoirt seachad airson seach-rathad Phort Rìgh

- Air fhoillseachadh
Chaidh cùmhnant £1.9m airson obair air seach-rathad Phort Rìgh anns an Eilean Sgitheanach a thoirt do Strath Civil Engineering Ltd.
Tòisichidh an obair air a' phìos mu dheireadh den rathad mu thimcheall air a' bhaile ann an 2026 agus thàinig maoineachadh o Riaghaltas na h-Alba agus o Chomhairle na Gàidhealtachd.
Chaidh innse bho chionn ghoirid gun robh Riaghaltas na h-Alba a' toirt iasaid seachad gus pàirt den chosgais de £1.6m airson na h-obrach sa chiad dol-a-mach a choinneachadh.
Thathar a' sùileachadh gum bi an rathad ùr deiseil ro àm an fhoghair 2026.
Tha an obair airson seachd-rathad air a bhith na phàirt de phlana leasachaidh na sgìre o 2019.
Bidh an rathad a ceangal leasachadh aig Home Farm agus an A87 (Rathad Dhun Bheagain) leis an A855 (Rathad Stafainn).
Cha bhi meadhan a' bhaile cho trang le trafaig nuair a bhios an A87 agus an A855 ceangailte.
Thuirt cathraiche Comataidh an Eilean Sgitheanaich agus Ratharsair, an comh Iain MacFhionnlaigh gur e rud uabhasach math a bh' ann gun deach an cùmhnant a thoirt seachad agus gun robh e dòchasach, mu dheireadh thall, gun deadh an obair a dhèanamh.
Thuirt an iar-chathraiche, an comh Drew Millar: "Tha mi air feitheamh 30 bliadhna airson a' phròiseict sa fhaicinn a' tighinn gu buil agus tha mi air mo dhòigh glan an cùmhnant seo fhaicinn ga thoirt seachad."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An t-Samhain

- Air fhoillseachadh26 An Lùnastal
