£15 airson ticead inbhich gu Tursachan Chalanais ann an 2026

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Urras nan Tursachan gun deach cead a thoirt do dh'Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba (HES) modail chìsean ùra a chur an sàs aig Calanais ann an Leòdhas.
Cosgaidh e £15 do dh'inbhich agus £10 do chloinn tadhal air Tursachan Chalanais o 2026.
Thug Ministearan Albannach cead seachad a' chìs a stèidheachadh.
Thuirt Urras nan Turasachan gun robh iad a' cur fàilte air an naidheachd agus gun robh a' chìs ùr ag amas air seasmhachd nan Tursachan agus ionad an luchd-tadhail a thaiceachadh.
Bidh e an asgaidh do mhuinntir na sgìre fhèin tadhal air na Tursachan.
Thuirt an t-Urras, a tha a' ruith Ionad Luchd-tadhail Chalanais gun robh an naidheachd na pàirt chudromach dha-rìribh de phròiseact ath-leasachaidh Chalanais 2025.
Rinn HES co-chomhairleachadh poblach ann an 2024 air na molaidhean airson cìsean a thòiseachadh aig na Turasachan.
Fhuair iad 425 freagairt. Bha 46% de na freagairtean sin o dhaoine a tha bha a' fuireach anns na h-Eileanan an Iar.
Bha e air leth cudromach do mhuinntir an àite nach biodh aig luchd-còmhnaidh ri pàigheadh.
Dìon nan Tursachan
Thuirt Urras nan Tursachan gun cuidich a' chìs le oidhirpean glèidhteachais aig an làraich.
Thèid airgead bho na ticeadan a chleachdadh airson HES a chuideachadh a bhith a' coimhead às dèidh nan clachan agus na h-àrainneachd mun cuairt orra.
Thèid maoin dualchais shònraichte a stèidheachadh a bhios ag amas air eaconamaidh, foghlam agus coimhearsnachdan Innse Gall a chuideachadh tro bhith a' maoineachadh obair rannsachaidh agus pròiseactan a tha a' daigneachadh tuigse agus a' cur luach air eachdraidh is dualchas na sgìre.
Seasmhachd
Tha Urras nan Tursachan air a bhith an sàs aig an làraich fad cha mhòr 30 bliadhna agus a' ruith an ionaid.
Tha na tha iad a' dèanamh cudromach a thaobh a bhith a' fastadh dhaoine anns an sgìre agus a bhith a' cur ri cothroman eaconamach air feadh nan eilean.
Ag obair le HES, tha Urras nan Tursachan os cionn an ath-leasachaidh air ionad an luchd-tadhail.
Tha iad an dùil goireasan nas fheàrr do luchd-turais a chruthachadh agus nàdar de hub coimhearsnachd a stèidheachadh anns am bi cothroman ùra ionnsachaidh agus far an tèid tachartasan a chumail.

Calanais 2025
Tha luach £10.1 millean ann am pròiseact Calanais 2025 , taobh a-muighagus tha na buidhnean a leanas air maoineachadh a thoirt dhà:
£4.1m o Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte tro Mhaoin Fàis nan Eilean
£3m o Mhaoin Dualchais a' Chrannchair Nàiseanta
£2m o Mhaoin Chalpa Ath-bheòthachaidh Riaghaltas na h-Alba
£750, 000 o Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean
£350,000 o Chomhairle nan Eilean Siar
Tha an com-pàirteachas ag amas air aon de phrìomh làraichean eachdraidheil na h-Alba a dhìon agus aig an aon àm, a bhith a' cur ri buannachdan eaconamach agus culturail nan eilean.
Prìsean thiceadan
Cosgaidh ticead inbheach £15 agus bi ticead chloinne £10. Thèid prìsean eile a dhearbhadh ron fhoslgadh.
Tha e gu bhith an asgaidh dhan h-uile duine aig a bheil còd-puist a' tòiseachadh le HS. Bidh feum air dearbhadh oifigeil a thaobh seòladh dhaoine.
Bidh cuibhreachadh air prìsean do theaghlaichean.
Tha dùil gum bi cuibhreachadh cuideachd ann dhaibhsan a tha a' faighinn a' Chreidis Choitchinn.
Airson na prìse, gheibhear a-steach gu taisbeanadh ùr a tha a' coimhead air eachdraidh nan Tursachan ann an dòighean ùra, a thuilleadh air faighinn gu na Tursachan fhèin.
Chan eil ticead a dhìth airson na bùtha no airson a' chafaidh.
Faodar ticead a chleachdadh airson bliadhna on cheann-là air an deach a cheannach.
Thuirt Coinneach MacIllinnein, stiùiriche air Urras nan Tursachan, gun robh am modail chìsean ùr ag amas air na clachan a ghlèidheadh agus a' choimhearsnachd a thaiceachadh anns a' chiad dol-a-mach.
"'S ann le muinntir an àite a tha Calanais air a bhith bho thùs agus tha am modail seo a' neartachadh a' cheangail sin le bhith gar cuideachadh a' dìon nan Tursachan agus a' cur taic ri na h-eileanan againn airson nan ginealaichean ri thighinn," thuirt Mgr MacIllinnein.
Thuirt Katey Boal o HES gur iad Tursachan Chalanais aon de na làraichean Nua-linn na Cloiche as cudromaiche anns an Roinn Eòrpa agus gu bheil HES pròiseil à bhith a' coimhead às an dèidh às leth na dùthcha.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An t-Iuchar 2024

- Air fhoillseachadh9 An Cèitean 2024
- Air fhoillseachadh18 An t-Ògmhios