Clach-mhìle mhòr do dh'Ionad Thursachan Chalanais

Tursachan ChalanaisTùs an deilbh, Getty Images/Luca Quadro
  • Air fhoillseachadh

Thug Comhairle nan Eilean Siar cead do phlana leasachadh mòr a dhèanamh air Ionad-tadhail Thursachan Chalanais air taobh siar Leòdhais.

Thèid goireasan ùra a chur ris an togalach a th' ann an-dràsta mar phàirt de phròiseact Calanais 2025.

Thuirt Urras nan Tursachan, an cathrannas a tha a' ruith na làraich, gu bheil an leudachadh a dhìth agus an àireamh luchd-turais a' sìor dhol an-àirde.

'S e Tursachan Chalanais an làrach turasachd as motha a tha a' tarraing dhaoine sna h-Eileanan an Iar, agus dùil ri mu 200,000 luchd-tadhail sa bhliadhna ron bhliadhna 2030.

Ionad-tadhail ChalanaisTùs an deilbh, Getty Images/Hugh McKean
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid Ionad-tadhail nan Tursachan a leudachadh gus dèiligeadh ris an àrdachadh ann an luchd-turais ris a bheil dùil

Dealbh neach-ealain air cò ris a bhios Ionad-tadhail Chalanais coltachTùs an deilbh, Ionad-tadhail Chalanais
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh neach-ealain air coltas an ionaid-tadhail nuair a bhios e deiseil

Thuirt Cathraiche Urras nan Tursachan, Ian Fordham, gun robh iad air an dòigh gun deach aontachadh ris an leasachadh.

"'S e slighe fhada a th' air a bhith ann faighinn chun na h-ìre seo ach cha bhiodh e air a bhith comasach gun taic na coimhearsnachd agus na diofar bhuidhnean a tha an sàs ann."

Thuirt Coinneach Mac'illInnein, ball Bhòrd na Coimhearsnachd agus cathraiche Urras Oighreachd Chàrlabhaigh gur e ceum mòr air adhart a bh' ann.

"Tha a' choimhearsnachd a' cur an làn taic ris a' phròiseact leasachaidh, agus tha iad a' coimhead air adhart ri na buannachdan maireannach a thig às."

Coinneach Mac'illInneinTùs an deilbh, Ionad-tadhail Chalanais
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir Coinneach Mac'illInnein, Cathraiche Urras Chàrlabhaigh, fàilte air an naidheachd

Chan eil e a' cosg càil an-dràsta faighinn faisg air na Tursachan a chaidh a chur nan seasamh bho chionn 5,000 bliadhna.

Ach dh'fhaodadh sin atharrachadh agus moladh ann cosgais a chur air daoine a thig ann airson airgead a phàigheadh airson coimhead às dèidh na làraich.

Bhiodh e fhathast an asgaidh do dh'eileanaich.

An ath-sheachdain bidh cothrom aig a' choimhearsnachd cluinntinn mu na planaichean sin.