Cunnart gum bi grunn sgìrean cho gann de bhùrn 's a bha iad a-riamh

Abhainn Losaidh ann an Eilginn
- Air fhoillseachadh
Tha Buidheann Dìon na h-Àrainneachd, SEPA, air rabhadh a thoirt gum faodadh grunn sgìrean air a' Ghàidhealtachd inbhe àrd de ghainnead uisge a ruighinn an ath-sheachdain.
Agus tha dragh ann gum faodadh Abhainn Losaidh ann an Moireibh an ìre sin a ruighinn Dihaoine.
Thuirt SEPA gu bheil 17 sgìrean air feadh na dùthcha air inbhe 'Gainnead Brìgheil' a ruighinn mar-thà, taobh a-muigh, Uisge Èire nam measg.
Dhearbh iad cuideachd gun do chuir iad an àireamh as àirde a-riamh de bhacaidhean an sàs am-bliadhna, agus gur e taobh sear na dùthcha as motha a tha air a bhith a' fulang.
Fo uallach
A rèir na buidhne, mura bi uisge an ìre mhath mòr ann thairis air na làithean a tha romhainn, faodaidh dùil gun tèid Abhainn Bhrothaidh, Abhainn Ilidh, Caolas Chromba (Tuath), Inbhir Nis an Ear, Abhainn Narann, An Caol Catach agus Abhainn Charrainn uile a chomharrachadh aig ìre 'Gainnead Brgheil'.
Thuirt Ceannard Uisge is Planaidh aig SEPA, Daibhidh Harley, gu bheil aibhnichean na h-Alba fo barrachd uallaich na bha iad iad a-riamh roimhe.
"Tha a' bhliadhna seo air a bhith gu math neo-àbhaisteach.
"Chan fhaca sin suidheachadh far a bheil gainnead uisge a' leantainn cho fada seo a-riamh roimhe.
"Tha sin a' comharrachadh cho cudromach 's a tha e gun ionnsaich sinn bho thachartasan den t-seòrsa seo agus gum feum sinn ullachadh a dhèanamh airson nan dòighean anns a bheil Alba a' cleachdadh uisge agus dìon a chur air an uisge phrìseil againn mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde," thuirt e.