Taic-airgid do dhaoine an Glaschu a ghluaiseadh às an dachaighean

- Air fhoillseachadh
Gheibh feadhainn a chaidh a chur a-mach às na flataichean aca nuair a thuit teanamant ann an Glaschu am broinn a chèile san Iuchar taic-airgid.
Cha robh duine a' fuireach san togalach air a' chòrnair eadar Slighe Albert agus Sràid Kenmure ann am Pollokshields on chaidh a sgrios le teine ann an 2019.
Tha naoi seachdainean on thuit e agus on chaidh an luchd-còmhaidh air gach taobh dheth a chur a-mach às na flataichean aca.
Thug seo buaidh air 12 teaghlach is gun cead aca a dhol ann airson an stuth aca fhaighinn.
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Nam measg tha Fearghas Walker às an Eilean Sgitheanach agus a theaghlach.
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan nas tràithe an t-seachdain seo, thuirt Mgr Walker gun robh an luchd-còmhnaidh ag iarraidh "ar beatha a bhith air ais againn".
Bha iomairt ann gus cuideachadh fhaighinn is tha Comhairle Ghlaschu a-nise air bhòtadh 'son gluasad a dh'iarr "taic shoilleir agus sa bhad do luchd-còmhnaidh".
Dh'fhaodadh gum faigh gach teaghlach timcheall air £2,000.