Mì-chinnt ann an Tiriodh mu na tha an dàn don leabharlann aca

- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Thiriodh mì-thoilichte agus iad ag ràdh nach eil fhios aca a bheil an aon leabharlann san eilean gu bhith air a glèidheadh.
Tha an goireas, ann an togalach sgoil an eilein, air a bhith dùinte rè ùine bhon leig an aon leabharlannaiche a bh' ann dheth a dhreuchd as t-Samhain an-uiridh.
Sa Ghearran am-bliadhna cho-dhùin Live Argyll, a tha ga ruith, gum feumadh iad ceithir leabharlannan a dhùnadh mura faigheadh iad barrachd airgid - an Càrdainn Ros, Ros Neimhidh, Tairbeart Loch Fìn agus an Tiriodh.
Tha Gerard McGoogan, Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Thiriodh, ag ràdh nach robh guth air na ceithir leabharlannan am plana-gnìomha Live Argyll airson 2025-2026
Chan eil e idir soilleir dhaibh an caill an t-eilean an t-seirbheis, tha e ag ràdh.
"'S e bùrach a th' ann - chan eil duine a' bruidhinn rinn."
Tha 650 duine a' fuireach ann an Tiriodh.
Tha an leabharlann as fhaisge orra san Òban, ceithir uairean air falbh air aiseag.

'S e an ath leabharlann as fhaisge air Tiriodh san Òban a tha ceithir uairean air aiseag air falbh
B' fheudar don Chomhairle Choimhearsnachd Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a chleachdadh airson faighinn a-mach dè bha an dàn don leabharlann.
"Tha Live Argyll a' coireachadh na Comhairle agus tha a' Chomhairle ag ràdh gur e buidheann a th' annta ris nach eil gnothach acasan," thuirt Mgr McGoogan.
Fhuair iad dearbhadh bho Live Argyll gun robh iad am beachd an leabharlann a ghluasad agus gum biodh i air a ruith le luchd-obrach saor-thoileach.
Tha Mgr McGoogan ag ràdh gum bu mhiann leotha gun gabh an t-ùghdarras ionadail smachd air an leabharlann uair eile.
"Chan eil ach glè bheag de loidhnichean dearga againn. Chan eil e a' dèanamh cus dragh dhuinn ma ghluaiseas iad an leabharlann, ach tha sinn ag iarraidh gum bi neach-obrach ann a th' air a phàigheadh," thuirt Mgr McGoogan.
Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil iad a' beachdachadh air na draghan a chaidh a thogail, agus a' conaltradh le Live Argyll.
Thèid a' chùis a dheasbad aig coinneimh de Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid san t-Sultain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Giblean 2016