Ag ath-bheachdachadh air Dùthaich MhicAoidh

- Air fhoillseachadh
Tha crìonadh sluaigh air a bhith na adhbhar dragh airson ginealaichean ann an Dùthaich MhicAoidh.
A-nis tha Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair, le cuideachadh bho chloinn san àrd-sgoil ionadail, agus an neach-ealain Will Sadler air sreath de phodcastan a dhèanamh a' coimhead air a' chùis.
Tha am pròiseact, Highlands Re-imagined, ann an cumadh rudeigin ùr don taigh-tasgaidh leis gu bheil e mar phròiseact didseatach seach taisbeanaidhean san togalach fhèin.
Tha am podcast a' coimhead ris na h-adhbharan air am fàg daoine òga Dùthaich MhicAoidh, agus a' faighneachd dè bhrosnaicheadh iad beatha a dhèanamh san sgìre an àite a bhith ga fàgail.

'S e Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair a rinn am pròiseact phodcastan
Gheibhear beachdan bho sgoilearan ann an Àrd-Sgoil Fàrr, luchd-gnothaich ionadail, agus feadhainn a bhios a' fuireach san sgìre 's ag obair aig astar, thairis air trì podcastan a tha leth-uair de thìde de dh'fhaid an urra.
Dh'èirich am pròiseact a-mach às an ùine a chuir Will Sadler seachad air muinntireas aig Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair, san do chleachd e rudan anns an taigh-tasgaidh airson coimhead ri gnothaichean a tha cudromach do choimhearsnachdan air Ghàidhealtachd san là a th' ann.
"'S e na bha fa-near dhomh ach coimeas a dhèanamh eadar na dh'fhiosraich mi fhèin mar bhalach a' tighinn chun na Gàidhealtachd air saor-làithean, agus cò ris a tha e dha-rìribh coltach a bhith a' fàs suas mar dhuine òg san sgìre," thuirt Mgr Sadler.
"Feumaidh tu beachdachadh air na tha an dàn dhut, obair, cothroman."

'S e seo a' chiad phròiseact den leithid a tha Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair a' ruith, agus tha am manaidsear gu math toilichte gu bheil e a' toirt guth do dhaoine òga na sgìre.
"'S e na bha air leth inntinneach dhuinn mu na mhol Will, gun robh e an dùil a bhith ag obair leis na daoine òga," thuirt manaidsear an taigh-tasgaidh, Fiona NicCoinnich.
"Rud a tha daoine òga ag ràdh gu tric, 's e nach eil iad an-còmhnaidh a' faighinn èisteachd.
"A bhith a' bruidhinn riutha mu na draghan a th' orra, 's an uair sin a' toirt dhaibh cothrom cuideachd agallamhan a dhèanamh le daoine à diofar bhuidhnean, co-dhiù 's e sin riaghaltas, no buidhnean coimhearsnachd a tha a' dèiligeadh ris an trioblaid a th' ann le crìonadh sluaigh.
"Agus mar a ghlèidhear cothroman anns a' choimhearsnachd fhèin don òigridh airson am beatha a dhèanamh an seo - co-dhiù tha sin a thaobh taigheadais, no cothroman cosnaidh, no cothrom air na h-ealain cuideachd."

Tha an dàrna podcast a' coimhead air na dh'fheumas atharrachadh airson daoine òga a chumail san sgìre, agus an treas fear a' coimhead ri cò aig a bheil an cumhachd airson atharrachaidhean a dhèanamh.
"'S e fear de na rudan a thog a' chlann mar rud a tha a' dèanamh an àite seo cho sònraichte, 's e na daoine a tha an seo, agus an ceangal a th' aca ris a' chultar, ris an fhearann agus na sgeulachdan a th' air am fighe a-steach air sin uile," thuirt a' Bh-Ua. NicCoinnich.
Bidh podcastan Highlands Reimagined rim faotainn bhon 2na là den t-Sultain air làrach-lìn Wild About Scotland, taobh a-muigh.