Cùmhnantaiche 'son sgoil ùr an Àth Leathainn a thogail

Bun-sgoil an Àth Leathainn
  • Air fhoillseachadh

Chaidh cùmhnantaiche ainmeachadh airson sgoil ùr a thogail san Àth Leathann.

'S e Morgan Sindall a thagh Comhairle na Gàidhealtachd agus sgoil ùr air a bhith a dhìth air a' bhaile o chionn iomadh bliadhna.

Tha an sgoil a th' ann ann am fìor dhroch staid, agus chaidh gearan a dhèanamh air uair is uair.

"Tha sinn air ar dòigh clach-mhìle eile a ruighinn ann a bhith a' leasachadh sgoile ùire an seo san Eilean Sgitheanach," thuirt Cathraiche Comataidh Foghlaim Sgìre an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair, an Comh. Iain Fionnlasdan.

"'S e oidhirp mhòr cho-obrachail a th' air a bhith ann faighinn chun na h-ìre seo, agus bu chòir don a h-uile duine a bha an sàs a bhith moiteil às na rinn iad."

An lùib na sgoile ùire, bidh raon spòrs coimhearsnachd a tha ga leasachadh le Buidheann Campais Choimhearsnachd Cheann a Deas an Eilein Sgitheanaich.

Tha dùil aig an ìre seo gun tòisich obair san Dùbhlachd am-bliadhna, leis an sgoil ùr gu bhith deiseil ro Shamhradh 2027.

Tuilleadh air an sgeulachd seo