Togar na ceudan dhachaighean air a' Ghàidhealtachd

Fear-togail air mullach taigheTùs an deilbh, PRESS ASSOCIATION
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh ionsulaideadh èifeachdach agus panailean-grèine sna dachaighean ùra

  • Air fhoillseachadh

Togaidh buidheann taigheadais 600 dachaigh air a' Ghàidheatachd a bhios ri fhaotainn aig prìs reusanta thairis air an ath chòig bliadhna.

Thuirt Comann Taigheadais Albyn gur e an t-amas aca dèiligeadh ri dìth àitichean-còmhnaidh sa sgìre, le measgachadh de dhachaighean air màl ìosal, màl meadhanach àrd agus sgeama iasaid a chuidicheas daoine gus taigh a cheannach.

Tha dùil gun tòisich an obair a dh'aithghearr air na ceud 125 dachaighean ann an Ulapul, Baile Dhubhthaich, Alanais, Inbhir Ghòrdain, Drochaid Neithich agus Drochaid Sguideil.

Tha an obair a' faighinn iasaid luach £10m bho Bhanca na h-Alba.

Ann an 2024, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh 24,000 taigh a bharrachd a dhìth air an sgìre thairis air 10 bliadhna airson dèiligeadh ri gainnead taigheadais.