Ùidh aig teaghlach Aimeireigeanach an Caisteal Armadail
Seumas Korth a' mìneachadh na bhiodh san amharc aca
- Air fhoillseachadh
Dh'innis na MacDonald Korths, teaghlach a tha a' fuireach ann am Michigan, gun do chuir iad tairsge £250,000 a-steach airson Caisteal Armadail agus na gàrraidhean a ruith mar urras chathrannach.
Thuirt iad gum biodh iad a' toirt cuireadh do Dhòmhnallaich air feadh an t-saoghail earrannan a cheannach ann nan soirbhicheadh leotha.
Thuirt Seumas Korth gun do sgrìobh iad gu na h-urrasairean le mìneachadh air na bha dùil aca a dhèanamh ach nach d' fhuair iad freagairt bhuapa fhathast.
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
- Air fhoillseachadh2 An Giblean
'S ann aig meadhan-là an-diugh a dh'fheumas tagraidhean airson Oighreachd Shlèite, Caisteal Armadail agus na Garraidhean a bhith a-staigh.
Tha Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill a' sireadh £9.5m orra uile gu lèir.
Tha an t-Urras air a ràdh gu bheil na h-uimhir air ùidh a shealltainn sna dìofar phìosan talmhainn agus togalaichean a tha iad a' reic air leth.
Tha mì-thoileachas mòr air a bhith sa sgìre mun dòigh san do làimhsich an t-Urras an reic ged a fhuair rannsachadh Riaghladair nan Cathrannasan Albannach gun robh an co-dhùnadh laghail.
Dhearbh Urras Coimhearsnachd Shlèite Diciadain nach biodh iad a' cur tairgse a-steach airson a' chaisteil.