Ceum air adhart do shlighe rothair san Eilean Sgitheanach

Cuibhle rothairTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh £104,500 a thoirt do phròiseact airson slighe rothaireachd a chruthachadh eadar Drochaid an Eilein Sgitheanaich agus an t-Àth Leathann.

Bheir an t-airgead bho HITRANS cothrom dhan phròiseact obair-dealbhachaidh a dhèanamh air a' chiad earrann den t-slighe, eadar Drochaid an Eilein agus Breacais.

Nuair a bhios am pròiseact deiseil, thèid aig daoine air siubhal eadar an drochaid agus an t-Àth Leathann air chois, air rothair no air cuibhlichean eile gun einnsean, air earrainnean de sheann rathad nach eileas a' cleachdadh tuilleadh.

Tha an fheadhainn air cùlaibh Slighe Rothair an Eilein Sgitheanaich an dòchas gun tèid a leudachadh air a cheann thall air feadh an eilein.

Tha riochdairean ag ràdh gun toir am pròiseact slighe shàbhailte do luchd-baidhseagail is eile gun a bhith a' dol air rathad trang an A87.

"Aig àm nuair a tha coltas gum fàs na rathaidean againn nas trainge buileach le pròiseactan bun-structair air fàire, tha e nas cudromaiche na bha riamh slighe shàbhailte a chruthachadh dhan a h-uile duine," thuirt Neil Hope, a tha na chathraiche air Companaidh Coimhearsnachd an Àth Leathainn 's an t-Sratha.

Chuir comhairliche an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair, Iain Fionnlasdan, fàilte air a' mhaoineachadh, 's e a' moladh obair na companaidh coimhearsnachd agus nan compàirtichean aca ann a bhith a' toirt nam planaichean air adhart.

Thuirt BPA an eilein, Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba Ceit Fhoirbeis, gun dèanadh an t-slighe rothaireachd nas sàbhailte agus nas fhasa do mhuinntir an àite, "agus dhan a h-uile duine a thadhaileas air a' phàirt àlainn seo den eilean le rothair".