Lorgadh muir-tèachd nach clàradh 'son 50 bliadhna an Uibhist a Deas

D. cyathiformeTùs an deilbh, NEIL ROBERTS
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar a' samhlachadh a' mhuir-tèachd ri dìthean cluarain

  • Air fhoillseachadh

Thàinig dearbhadh gur e gnè de mhuir-tèachd a bha dùil a bh' air a dhol à bith a chaidh a lorg le neach-turais ann an Uibhist a Deas.

'S ann san Fhraing ann an 1976 a chaidh an D. cyathiforme - seòrsa muir-tèachd a tha a' coimhead coltach ri dìthean cluarain - a chlàradh mu dheireadh.

Bha an t-eòlaiche-nàdair Neil Roberts air saor-làithean ann an Uibhist an 2023 nuair a chunnaic e ceithir de na beathaichean air a' chladach aig Pol a' Charra - àite far nach deach a chlàradh riamh roimhe.

Tha Christine NicIain bhon bhuidhinn Clàraidhean Bith-Eòlach Innse Gall ag ràdh "gu bheil a h-uile càil inntinneach ach gu bheil cuid de rudan air leth sònraichte".

Thuirt i: "Thàinig duine air ais gu far an robh Neil Roberts air am beathach fhaicinn an toiseach agus lorg e a-rithist e.

"Faodaidh sinn a ràdh a-nis gu bheil a' ghnè seo an seo, agus chan eil an creutair air a dhol à bith agus tha sinn a' brosnachadh barrachd dhaoine a dhol a-mach feuch am faigh iad lorg air."

D. cyathiformeTùs an deilbh, GUY FREEMAN
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar a-nis ag iarraidh air daoine a dhol a-mach feuch am faic iad sgeul air a' mhuir-teachd thearc