Fàilte air aithisg mu leasachadh eaconomaidh na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun toir iad sùil gu mionaideach air a h-uile moladh ann an aithisg ùr mu chothroman eaconamaiceach dhan Ghàidhlig.
Thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh, Niall Gray, gu bheil e soilleir gu bheil buannachdan mòra ann an cleachdadh agus taic dhan chànan.
Chuir Riaghaltas na h-Alba buidheann air cois an-uiridh gus dòighean a lorg air a' Ghàidhlig a neartachadh tro leasachadh eaconomach.
Tha an aithisg a' toirt aire shònraichte do sgìrean far a bheil comasan Gàidhlig aig co-dhiù 20% den t-sluagh.
Tha iad a' moladh gum faigheadh daoine air teachd-a-steach nas ìsle taic-airgid gus an cuideachadh ann a bhith a' ceannach dachaigh, le faothachadh cìse do ghnothachasan a bheir deagh bhuaidh air a' chànan.
Tha iad cuideachd a' moladh gum bu chòir comasan sa Ghàidhlig a bhith deatamach airson cosnadh fhaighinn san Roinn Phoblaich.
Am measg nan dùbhlan ris am feumar dèiligeadh sna sgìrean sin, tha taigheadas, còmhdhail, agus bann-leathann, a rèir na h-aithisg.
"Mura h-eil e comasach a bhith a' fuireach anns na sgìrean far a bheil sinn ag amas air a' Ghàidhlig a neartachadh mar chainnt làitheil, tha e do-dhèante gnothaichean a thoirt air adhart," thuirt Art MacCarmaig, a bha na Chathraiche air a' bhuidhinn.
"'S tha e do-dhèante obraichean a chruthachadh a ghabhadh a lìonadh le daoine.
"Agus air a' cheann thall, cha tig na buannachdan eaconomach a tha sinn a' sireadh," thuirt e.
Tha an aithisg cuideachd a-mach air foghlam, agus moladh ann gum bi taic-airgid ann gus luchd-teagaisg a thàladh, gum bu chòir a' Ghàidhlig a bhith deatamach mar chuspair anns na prìomh choimhearsnachdan Gàidhlig chun na treasaibh bliadhna san àrd-sgoil, agus gum bu chòir àrd-sgoiltean don tèid sgoilearan a fhuair foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil a bhith clàraichte mar sgoiltean Gàidhlig.
Tha maoineachadh a bharrachd cuideachd ga mholadh do MG ALBA, a' bhuidheann phoblach a tha le dleastanas airson craoladh Gàidhlig.
"Bho thòisich MG ALBA tha a' bhuidheann air faisg air 350 obair a chruthachadh," thuirt Cathraiche MG ALBA, Iain Moireasdan.
"Obraichean math, maireannach, agus tha an t-uabhas dhiubh ann an sgìrean far a bheil an eaconomaidh gu math lag leithid na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan.
"Airson a h-uile not a tha a' dol a-steach a chraoladh Ghàidhlig, tha £1.50 a' dol air ais a-steach dhan eaconomaidh.
"Tha sin a' sealltainn nach eil sinn ag iarraidh air an Riaghaltas airgead a shìneadh dhuinn mar charthannas, ach gu bheil sinn a' cur air ais ris an eaconomaidh - 's ma gheibh sinn barrachd airgid nì sinn barrachd dheth sin," thuirt e.
Bile Ùr
B' i Ceit Fhoirbeis a chuir a' bhuidheann air dòigh nuair a bha i na Rùnaire Ionmhais.
Thuirt ise gum bu chòir don Riaghaltas gabhail ris gach moladh anns an aithisg, agus gu sgiobalta.
"Bu chòir dhuinn taic a thoirt do dhaoine a tha a' bruidhinn Gàidhlig, an àite dìreach a' coimhead air a' Ghàidhlig mar chànan.
"Tha sin a' ciallachadh taic a thoirt do na coimhearsnachdan far a bheil a' Ghàidhlig fhathast ri chluinntinn.
"Tha na coimhearsnachdan sin feumach air barrachd thaighean. Tha iad feumach air barrachd bhun-structair.
"Agus tha mi a' smaointinn gu bheil molaidhean gu math inntinneach ann a thaobh taigheadais gu h-àraidh," thuirt i.
Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh, Niall Gray, gun do chuir an Riaghaltas fàilte air an aithisg, agus gun toireadh iad sùil gheur air na molaidhean na broinn.
Tha e soilleir, thuirt e, gu bheil cleachdadh agus taic don Ghàidhlig mar bhuannachd mhòir don eaconomaidh.
Tha Art MacCarmaig den bheachd gu bheil molaidhean na h-aithisg cuideachail ann a bhith a' gluasad an t-suidheachaidh air adhart.
"Feumaidh sinn a bhith misneachail," thuirt e.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tòrr de na còmhraidhean a tha a' dol air adhart taobh a-staigh an Riaghaltais an-dràsta mu dheidhinn an t-seòrsa taice a tha iad a' dol a thoirt dhan Ghàidhlig agus Albais san àm ri teachd.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na molaidhean a th' againne a' cur ris an deasbad a tha sin.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sinn air molaidhean a chur air adhart, mar eisimpleir, a tha 's dòcha a' cuideachadh an Riaghaltais a thaobh mar a tha iad a' mìneachadh dè tha iad a' ciallachadh le sgìrean Gàidhealtachd," thuirt e.
Tha an Riaghaltas ag obair an-dràsta air Bile ùr nan Cànanan Albannach, agus tha an aithisg seo a' cur ris an ìmpidh a th' orra an cothrom sin a chur gu feum.
Tha dùil gun tèid teacsa a' bhile sin fhoillseachadh as t-Fhoghar.