Prìomh Mhinistear "ag èisteachd" mu aiseagan

Humza Yousaf
  • Air fhoillseachadh

Gheall am Prìomh Mhinistear gun èist e ri draghan na coimhearsnachd mu sheirbheisean aiseig 's e a' tadhal air Leòdhas Dihaoine.

Tha barrachd connspaid air a bhith ann anns na làithean mu dheireadh is àrd-oifigear ChalMac Robbie Druiminneach a' fàgail a dhreuchd.

Thàinig iarrtas ri linn sin gun rachadh dàil air cùmhnant ùr nan aiseagan a thoirt seachad.

Is thàinig seo uile seachdain às dèidh mar a chaidh Dàibhidh Tydeman a chur às a dhreuchd mar cheannard Gàrradh MhicFhearghais.

Tha Humza Yousaf ag ràdh gu bheil e a' tuigsinn gu bheil cùisean air a bhith doirbh do choimhearsnachdan is gu bheil e ag èisteachd.

"Bidh mi ag èisteachd ri eileanaich agus na draghan a th' orra mu aisgeagan is ceanglaichean.

"Chan eil mi a' dol às àicheach gu bheil dùbhlain ann is tha sin follaiseach.

"Tha fòcas an Riaghaltais Albannaich air seirbheisean a lìbhrigeadh is 's e sin a tha sinn ag innse dhan a h-uile duine a tha an sàs ann an seirbheisean aiseig, eadar CalMac, CMAL is Gàrradh MhicFhearghais.

"Tha an urra ri bòrd ChalMac fhèin dè na h-atharraichean nì iad aig ìre stiùiridh, ach feumaidh iad tuigsinn gu bheil am fòcas air an t-seirbheis as fheàrr a th' ann a thoirt seachad do choimhearsnachdan eileanach", thuirt e.