Cùram Ghallaibh: 'Dhèanadh taic diofar cianail mòr dhuinn'

Ealasaid Jones is Ollie
  • Air fhoillseachadh

Thòisich iomairt ann an Gallaibh airson seirbheis chùram-faochaidh, no respite, do theaghlaichean le clann aig a bheil feumalachdan sònraichte.

Ged a bha cùram den leithid aca ann an Gallaibh gu 2019, tha e an-diugh stèidhichte còrr is 100 mìle air falbh ann an Inbhir Nis.

Tha an goireas sin fhèin làn an-dràsta agus tha muinntir Ghallaibh ag ràdh nach biodh mòran faochaidh ann an turas cho fada dhaibh co-dhiù.

Am measg an fheadhainn air a bheil an suidheachadh a' toirt buaidh tha Ealasaid Jones is a teaghlach ann an Inbhir Theòrsa.

Chan eil comas labhairt aig mac Ealasaid, Ollie, a tha 8, is cha bhi e a' cleachdadh BSL no Makaton.

Tha Ealasaid ag ràdh gu bheil an suidheachadh a' toirt buaidh mhòr orra.

"A bhith a' tighinn beò le autism no rudeigin mar sin, tha e a' bualadh air ar beatha gu mòr.

"Gun seirbheisean taice no cuideachadh sam bith, tha e cho doirbh is tha e gar fàgail cho sgìth.

"'S e briseadh-dùil mòr a th' ann nach eil taic ann", thuirt i.

Tha suidheachadh Ealasaid is feadhainn eile ann an Gallaibh a' fàgail gun deach buidheann-iomairt air a bheil Encompass Caithness, taobh a-muigh a stèidheachadh.

Dh'innis Iain Gregory bhon bhuidhinn gun d' fhuair iad 68 buill taobh a-staigh beagan sheachdainnean às dèidh dhaibh tòiseachadh.

Ollie

'S e dearbhadh a tha sin, tha e ag ràdh, gu bheil cruaidh-fheum air taic.

"Chaidh innse dhuinn nach eil iarrtas san sgìre 'son goireas cùram-faochaidh le leapannan. Tha sin gu math doirbh dhomh a chreidsinn.

"Tha 68 teaghlaichean againn mar-thà a tha a' cur feum air cùram," thuirt e.

Tha Encompass Caithness ag iomairt 'son ionad a bhith aca ann an Gallaibh.

Tha iad air ceisteachan a sgaoileadh dha teaghlaichean san sgìre gus sealltainn mar a tha an gnothach a' bualadh orra is dè an taic a tha iad feumach air.

Thèid am fiosrachadh sin a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd is NHS na Gàidhealtachd air a' cheann thall.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' coimhead air gach roghainn a th' ann 'son faochaidh agus fois do theaghlaichean anns an t-suidheachadh seo air feadh na Gàidhealtachd.

Chan eil Encompass Caithness air an dòigh le sin.

"Smaoinich mura bhiodh cothrom agad air còig mionaidean fois no là dheth," tha Iain Gregory ag ràdh.

"'S aithne dhomh feadhainn nach d' fhuair faochadh sam bith fad ochd bliadhna. Chan eil e math gu leòr gu bheil na h-ùghdarrasan ag ràdh gu bheil roghainnean ann. Chan eil."

Air ais ann an Inbhir Theòrsa, tha Ealasaid Jones ag ràdh gun toireadh cùram-faochaidh cruth-atharrachadh air beatha an teaghlaich.

"Fiù 's nam biodh aon oidhche dheth againn gach mìos bhiodh e cho mòr dhuinn.

"Oidhche nuair nach biodh sinn an-àirde anmoch le Ollie is cothrom rudeigin a dhèanamh leis an teaghlach.

"Dhèanadh e diofar cianail mòr dhuinn".

Ealasaid is Ollie