Dithis fo chasaid an co-cheangal ri luchd dhrugaichean

- Air fhoillseachadh
Chuir na Poilis boireannach agus fireannach an greim air an deireadh-sheachdain an dèidh dhaibh MDMA agus cocain luach còrr is £90,000 a lorg ann an càr.
Chuir oifigearan, a bha air fiosrachadh fhaighinn, stad air a' charbad air an A9 faisg air Baile Dhubhthaich aig mu 4.40f feasgar Disathairne.
Fhuair iad luchd MDMA sa bheil luach mu £80,000 agus cocain luach £12,900 na bhroinn.
Tha boireannach, 36, agus fireannach, 39, fo chasaid an co-cheangal ris a' chùis
Nochdaidh iad anns a' chùirt aig àm eile.
Thuirt an Conastabal Connor Milne: "'Se luchd mòr a tha seo mar phàirt den obair againn stad a chur air obair dhrugaichean mì-laghail agus lùghdachadh a thoirt air a' chron a nì iad nar coimhearsnachdan.
"Tha sinn a' crochadh air fiosrachadh bhon phoball nar cuid obrach agus 's urrainn do dhuine sam bith le dragh mu dhrugaichean san nàbachd aca fios a chur gu Poileas Alba air 101, neo gu Crimestoppers gu dìomhair air 0800 555 111."