Casaidean de "dhearmad" agus "an-iochd" aig dachaigh-cùraim an Inbhir Nis

Rachel, tè den luchd-còmhnaidh a chaidh a chlàradh ann an rannsachadh a' BhBC.
- Air fhoillseachadh
Tha teaghlaichean aig daoine a tha a' fuireach ann an dachaigh-cùraim ann an Inbhir Nis ag ràdh gun robh an t-àite ri "dearmad" agus "an-iochd".
'S e Castlehill sa bhaile tè de na dachaighean-cùraim as motha ann an Alba.
Thàinig na casaidean am bàrr às dèidh dha rannsachadh leis a' BhBC sreath de dh'fhàiligidhean a lorg san dachaigh
Bha an tè-naidheachd Catrìona Nic a' Phì air a dhol a dh'obair ann an Castlehill gu dìomhair eadar an t-Ògmhios agus an Lùnastal an dèidh do Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim sreath de cheistean a thogail.
Bha an riaghladair air gabhail ri barrachd ghearanan mun dhachaigh ann an 2024 na à dachaigh eile den leithid ann an Alba.
Ged a tha Castlehill air a shanasachd mar àite spaideil agus carthannach, fhuair rannsachadh a' BhBC draghan mòra mun ghoireas, a tha a' cosg suas ri £1,800 anns an t-seachdain.

An tè-naidheachd Catrìona Nic a' Phì a bha ag obair gu dìomhair aig an dachaigh mar thè-ghlanaidh fad seachd seachdainean
Chunnaic Catrìona Nic a' Phì luchd-còmhnaidh a bha gu math troimh-chèile tric, le cuid aca nan suidhe airson uairean a thìde ann an aodach no aodach-leapa a bh' air a shalachadh.
Thog i air boireannach a bha a' sgreuchail is luchd-obrach fireann a' toirt dhi cùram pearsanta air sgàth gainnead de luchd-obrach, is dh'innis boireannach eile nach d' fhuair i cothrom air fras 'son cola-deug.
Thàinig air an tè-naidheachd ann an aon suidheachadh air stad a chur air fireannach ri dementia a bha gus coiseachd a-mach às an dachaigh.
Tha teaghlaichean cuid den luchd-còmhnaidh ag ràdh gu bheil Castlehill air an leigeil sìos.
Thuirt iad gun robh an dachaigh ri "dearmad" is "an-iochdmhor".
BBC Disclosure: Care Home Undercover
Prògram Disclosure a' coimhead ri suidheachadh Dachaigh-cùraim Castlehill ann an Inbhir Nis
Thuirt an tè-naidheachd san aithris aice gun robh e follaiseach dhi gun robh cuid den luchd-obrach a bha 'son piseach a thoirt air beatha an luchd-còmhnaidh, ach nach robh gu leòr dhiubh ann 'son sin a dhèanamh gu cunbhalach.
'S e a' chompanaidh Morar Living a tha a' ruith Castlehill is 18 dachaighean aca air feadh na Rìoghachd Aonaichte.
Mus deach am prògram a chraoladh air an telebhisean oidhche Luain, dh'fheuch an dachaigh-cùraim ris a' BhBC a thoirt gu lagh feuch stad a chur air
Thuirt an dachaigh ann an teachdaireachd gu bheil sùil ga cumail air gach neach-còmhnaidh gu cunbhalach agus gu bheil plana cùraim fa-leth aca uile, a tha air aontachadh leis na teaghlaichean.
Tha iad ag ràdh gun deach ceannard ùr fhastadh gus "cùram a bharrachd a chur air dòigh dhan fheadhainn as motha a tha feumach air", is gu bheil còrr is £1m ga chosg air an dachaigh a leasachadh.

Tha am BBC air bruidhinn ri grunn theaghlaichean a tha ag ràdh gum faca iad piseach sa mhìos mu dheireadh.
Fhuair an dachaigh rabhadh bho Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim sa Chèitean gum feumadh e piseach a thoirt air planadh cùraim, àireamhan luchd-obrach, ceannas agus cùram, air neo gum faodadh e a bhith ann an cunnart clàradh oifigeil a chall, is gum biodh aca ri a dùnadh.
Thuirt an riaghladair gun robh an dachaigh-cùraim air leasachaidhean a chaidh a chur mun coinneamh a choileanadh, ach nach eil a h-uile càil mar a dh'iarradh iad is gu bheil an t-àite fhathast a' dèanamh dragh dhaibh.
"Tha draghan oirnn fhathast mun chùram a tha an luchd-còmhnaidh a' faighinn is tha sinn a' leantainn an t-suidheachaidh gu dlùth," thuirt neach-labhairt bhon riaghladair.
Ma tha gnothaichean a tha a' nochdadh san aithris seo a' bualadh oirbh tha taic ri fhaighinn aig Lòidhne-Gnìomha a' BhBC.