Bàta-aiseig ùr Ìle ga cur air bhog

- Air fhoillseachadh
Chaidh soitheach a chur air bhog anns an Tuirc Disathairne a bhios a' frithealadh sheirbheisean aiseig gu Ìle nas fhaide dhen bhliadhna.
'S i an MV Isle of Islay, a chiad soitheach a-mach à ceithir a thathas a' togail ann ann an gàrradh Cemre.
Thèid deuchainean mara a dhèanamh air an t-soitheach mus fàg i an Turc, le dùil gun tèid a toirt seachad do CMAL san Damhair.
An uairsin bi cothrom aig a' chriutha fàs cleachdte rithe mus tòisich i ann an seirbheis.
Tha dùil gun gabh i 450 luchd-siubhail agus 100 càr, 's gum bi seo a' ciallachadh 40% àite a bharrachd airson carbadan/làraidhean air an t-slighe na th'ann an dràsta.
Thuirt Àrd-oifigear CMAL, Kevin Hobbs gu bheil e na thoileachas dhaibh a bhith a' faicinn an Isle of Islay anns an uisge agus gu bheil a' chompanaidh a' coimhead air adhart ri a faicinn an Alba.
Tha dùil gun tèid an dàrna bàta-aiseig airson Ìle, an MV Loch Indaal, a chur air bhog ann an Cemre nas fhaide dhen bhliadhna.
Thuirt CMAL gu bheil an obair anns an Tuirc a' cumail suas ris a' chlàr-ama agus taobh a-staigh a' bhuidseit.