Aonta Sgìreil ga dhearbhadh do dh'Earra-Ghàidheal is Bòd

Rachel ReevesTùs an deilbh, Jordan Pettitt/PA Wire
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh an Seansalair, Rachel Reeves, gum faigh Earra-Ghàidheal is Bòd aonta sgìreil airson togail a thoirt air an eaconomaidh.

Bha Ms Reeves a' bruidhinn agus i a' foillseachadh buidseat an Riaghaltais ann an Taigh nan Cumantan.

Cha deach fiosrachadh mionaideach mun aonta fhoillseachadh, ach 's e faochadh a bhios ann do dh'ùghdarras ionadail na sgìre, agus ceist air a bhith ann bho chuir an Riaghaltas co-dhùnadh air an aonta dheth san t-Sultain.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba aig an àm gun robh iadsan deiseil is deònach a dhol air adhart leis an aonta air an robhas air a bhith ag obair.

'S e Earra-Ghàidheal is Bòd an aon sgìre a th' air a bhith às aonais aonta den leithid.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid