An t-Eilean: Dràma ùr Gàidhlig a' toirt a' chànain gu luchd-amhairc ùr

An t-EileanTùs an deilbh, Black Camel Pictures/BBCAlba/John Maher
Fo-thiotal an deilbh,

Thill Kat Crichton dhachaigh airson murt boireannaich a rannsachadh ach carson a dh'fhàg i sa chiad dol a-mach?

  • Air fhoillseachadh

Tha am BBC air barrachd innse mun t-sreath dràma Ghàidhlig ùr aca a bhios air a chraoladh tràth sa bhliadhn' ùir, agus cò na cleasaichean a bheir beò an sgeulachd.

Tha an t-Eilean suidhichte ann an Leòdhas is na Hearadh agus tha rannsachadh muirt aig cridhe an sgeòil thoinnte mu chall, breugan agus rùintean-dìomhair.

Chaidh an dràma, sa bheil còmhradh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla, a sgrìobhadh le Nicholas Osborne and Patsi NicCoinnich.

'S i Sorcha Groundsell (His Dark Materials, Shetland, The Innocent), a chaidh a thogail ann an Leòdhas agus Glaschu, am prìomh charactar. Tha Kat Crichton, bana-phoileas a tha an sàs ann an sgrùdadh mu mhurt boireannaich - cèile fear beartach, air tilleadh dhachaigh an dèidh deich bliadhna.

Carson, ge-tà, a dh'fhalbh i sa chiad dol a-mach?

An t-EileanTùs an deilbh, Black Camel Pictures/BBCAlba/John Maher
Fo-thiotal an deilbh,

Tha DCI Ahmed Halim os cionn an rannsachaidh mhuirt

A' cumail taic rithe tha an ceannard aice, DCI Ahmed Halim, air a chluich le Saga Radia (Industry).

Tha Iain MacRath (Bannan) ann mar Sir Dùghlas Mac'illEathain a tha na cheannard air teaghlach beartach le trioblaidean nach gann.

Chaidh a ghoirteachadh san ionnsaigh san deach a bhean, a' Bhana-Mhorair Màiri, air a chluich le Elspeth Turner, a mhurt.

An robh gnothach aige ri na thachair?

An t-EileanTùs an deilbh, Black Camel Pictures/BBCAlba/John Maher

Cuideachd an sàs san dràma tha an ceathrar chloinne aig a' chàraid: Eilidh (Sinéad NicAonghais), Calum (Anndra MacAonghais), Sìne (Meredith Brook) agus Ruaraidh (Sam Seumas Mac a' Ghobhainn).

Am measg nan cleasaichean eile tha Daibhidh Walker, Sharyn Ferguson, Carina NicLeòid, Tormod Macleòid, MJ Deans, Iain 'Spanish' MacAoidh agus Julia Taudevin.

An t-EileanTùs an deilbh, Black Camel Pictures/BBCAlba/John Maher
Fo-thiotal an deilbh,

Tha teaghlach beartach le rùintean-dìomhair agus breugan gu leòr aig cridhe an dràma

Thuirt Sorcha Groundsell: "Tha faireachdainn ann gur e ceum cudromach a tha seo dhan Ghàidhlig.

"Air feadh an t-saoghail tha mion-chànanan a' faighinn an aire air a bheil iad airidh. Tha mi a' faicinn na sgeulachd againne mar phàirt den ghluasad sin.

"Thug e toileachas mòr dhomh a bhith ag obair air 'An t-Eilean'. Tha mi cho moiteil gun robh mi an sàs ann am pròiseact a tha a' taisbeanadh dhan t-saoghal mhòr cho brèagha, cruthachail agus beartach 's a tha ar cànan."

Thuirt Sagar Radia: "'S e tlachd mòr dhomh a bhith an sàs ann 'An t-Eilean'.

"Chaidh againn air bòidhchead, cultar agus cànan na Gàidhlig a shealltainn ann an dòigh ùghdarrail, agus eachdraidh bheartach nan eilean a thoirt beò don luchd-amhairc."

'S e Black Camel Pictures a rinn An t-Eilean, sa bheil ceithir earrannan 50 mionaidean de dh'fhaid, agus tha e air a mhaoineachadh le MG ALBA, All3Media International agus Sgrìn Alba.

Bidh e ri fhaicinn air BBC Alba, BBC iPlayer agus BBC Four tràth ann an 2025.

An t-EileanTùs an deilbh, Black Camel Pictures/BBCAlba/John Maher