Dragh mu bhuaidh crìonadh sluaigh air cùram slàinte is sòisealta nan eilean

Làmh seann duine
  • Air fhoillseachadh

Tha dragh ann mu sheirbhisean slàinte agus cùraim sòisealta sna h-Eileanan an Iar mura tèid dèiligeadh ri buaidh crìonadh sluaigh agus na bhios ann de sheann daoine seach daoine òga.

Tha aithisg do NHS nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil suidheachadh èiginneach gu bhith ann agus coltas gun tig £8m a bharrachd ann an cosgaisean orra.

A rèir an dàta is ùire tha mòran a bharrachd sheann daoine a-nis a' bàsachadh sna h-Eileanan an Iar na tha de chloinn a tha air am breith.

Thathar a' tomhas gum bi àrdachadh an cairteal cuid air an àireamh dhaoine a tha nas sine na 65 bliadhna a dh'aois ro 2028 an taca ri 2018, ach gum bi 600 nas lugha de luchd-obrach ann.

Tha an suidheachadh nas dùbhlanaiche buileach ann an Uibhist agus Beinn na Faoghla.

Chuala buill a' bhùird gun tàinig lùghdachadh faisg air an treas cuid air an àireimh de chloinn nas òige na ceithir bliadhna sna còig bliadhna a dh'fhalbh.

Anns an ùine sin bhàsaich a thrì uiread de dhaoine na chaidh a bhreith.

Loch BaghasdailTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Coltach ri sgìrean eile sna h-eileanan tha crìonadh sluaigh a' toirt buaidh air Uibhist a Deas.

Fhuair an aithisg gur ann air Taobh Siar Leòdhais agus air na Lochan a bha an lùghdachadh as motha - cha mhòr an cairteal cuid - air na bha de dhaoine aig aois obrach.

Ach tha na h-aon thrioblaidean sa h-uile sgìre - a rèir na h-aithisg.

A rèir na h-aithisg, bho stiùiriche ionmhais a' bhùird, Debbie Bozkurt, tha cunnart ann gum fàg dìth luchd-obrach slàinte agus cùraim nach bi seirbheisean seasmach mura faighear fuasgladh.

Tha cosgaisean a bharrachd orra luach £8m air sgàth an t-suidheachaidh, ach thuirt iad nach fhaigh iad an còrr maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba.

Chan fhada gus am faod ìre èiginneach a ruighinn, a rèir na h-aithisg, agus bu chòir ro-innleachd a chruthachadh airson dèiligeadh ris.

Thuirt ball-pàrlamaid Albannach na sgìre, Alasdair Allan gum feumar coimhead air na cnapan-starra ro theaghlaichean òga - leithid dìth chùraim cloinne agus dìth thaigheadais.

Thuirt e cuideachd gum bu chòir dàrna dachaicheaghan ann an cuid de sgìrean a bhith air a chuingleachadh mar phàirt de ro-innleachd daoine a chumail sna h-eileanan airson agus gum bi seirbheisean poblach buan.