Ceannard Bhòrd na Gàidhlig a' leigeil dhith a dreuchd

Suaicheantas Bhòrd na GàidhligTùs an deilbh, Bòrd na Gàidhlig
  • Air fhoillseachadh

Leig Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllinnein, fhaicinn gu bheil i a' leigeil dhith a dreuchd an dèidh seachd bliadhna.

Thug i seachad fios sia mìosan dhan Bhòrd gun robh i a' fàgail - a dhà uimhir 's a tha a dhìth - gus am faigh a' bhuidheann air ceannard ùr fhastadh mus falbh i.

“Bha an t-àm mar Cheannard na àm far an robh leasachadh is fàs ann dhan Ghàidhlig agus dhan bhuidhinn," thuirt i.

"Tha seo air a bhith na àm de dh’atharrachadh mhòr do Bhòrd na Gàidhlig.

Tha seo air a bhith na àm brosnachail is buannachdail agus tha mi air a bhith fortanach a bhith a’ faighinn taic fìor mhath bho sgioba thàlantaich, ùr-ghnàthaich.

“Tha e air a bhith na urram dha-rìribh a bhith os cionn Bhòrd na Gàidhlig tron ùine seo.

Às dèidh sin a ràdh, ge-tà, tha mòran chothroman agus dhùbhlan fhathast ann thar nan sia mìosan a tha romhainn agus cumaidh mi orm a’ cluich mo phàirt ann a bhith a’ dèiligeadh riutha sin, agus mi a’ dèanamh na 's urrainn dhomh gus dèanamh cinnteach gum bi eadar-ghluasad rèidh ann.

"Mar sin bidh mi a’ cumail orm mar as àbhaist chun na Samhna agus an uairsin tha mi an dùil ùine a chur seachad leis an teaghlach agus a’ siubhal.”

Shona NicIllinneinTùs an deilbh, Bòrd na Gàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,

Shona NicIllinnein

Thuirt an Cathraiche, Màiri NicAonghais: “Ged a tha mi gu math brònach an naidheachd seo a chluinntinn, tha mi gu mòr an comain Shona airson ùine a thoirt dhuinn an neach ceart a lorg airson a’ phrìomh dhreuchd seo agus gus am bi tar-ghluasad rèidh ann.

"’S e Ceannard air leth a th’ ann an Shona a tha air cruth-atharrachadh a thoirt air a’ Bhòrd, ga stiùireadh tro àm air leth dùbhlanach, agus a chruthaich buidheann a bhios comasach air cothroman a thoirt gu buil san àm ri teachd.

"Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhi airson an àm ri teachd.”