SSEN gan dìon fhèin a thaobh stèisein ùir

Crainn
  • Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh dealain SSEN a' dol às àicheadh gu bheil iad air na planaichean aca 'son fo-stèisean ùr a thogail ann an sgìre na Manachainn a leudachadh gu mòr.

Dh'innis a' chompanaidh san Dàmhair an-uiridh gum biodh fo-stèisean ùr aig Fanellan faisg air Cill Taraghlain stèidhichte air làraich anns am biodh 55 àcairean-fearainn.

Thog buidhean choimhearsnachd sa Mhanachainn dragh ge-tà, 's iad ag ràdh gu bheil SSEN air atharrachadh mòr a thoirt air na planaichean is dùil aca an làrach a leudachadh gu 868 àcairean-fearainn, gun a bhith ag innse dhan choimhearsnachd.

Ann am brath, tha SSEN ag ràdh gu bheil pàipearan dealbhachaidh PAN a' sealltainn loidhnichean dearga timcheall sgìre gu math nas motha na an làrach fhein a bhios ann.

PlanaicheanTùs an deilbh, SSEN

Thuirt iad gur e crìochan leasachaidh a tha seo, a' toirt a-steach far an tèid gnothaichean a stòradh nuair a tha obair-togail a' dol, cho math ri pàirceadh.

Tha iad ag ràdh gu bheil an làrach far am bi fo-stèisean fhèin air a' cheann thall mar a bha e fo thùs.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad air bruidhinn ris a' choimhearsnachd mun seo.

Tha iad ag ràdh gum bi cothrom aig daoine ceistean a chur orra aig tachartasan co-chomhairle ann an Cill Taraghlain air an 26mh den Mhàrt agus sa Mhanachainn air an 28mh.