Eòrpa: Spiorad na Mara

Cladach thaobh siar Leòdhais
Fo-thiotal an deilbh,

Thathas a' moladh 66 crainn a tha 380m de dh'àirde a stèidheachadh far a' chladaich

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-leasachaidh a tha airson tuath-gaoithe mòr a thogail far chosta siar Leòdhais ag ràdh gum faod còrr is 100 obair mhaireannach tighinn às a’ phròiseact, a bharrachd air suas ri 1,000 obair togail.

Tha prògram Eòrpa air bruidhinn ri eileanaich air a bheil dragh mu phròiseact Spiorad na Mara ge-tà, a thaobh na h-àrainneachd agus seallaidhean na sgìre.

A rèir aithris bhon luchd-leasachaidh do Riaghaltas na h-Alba, dh’fhaodadh suas ri 66 crainn a bhith air an togail, gach fear suas ri 380m de dh’àirde, an fheadhainn is fhaisge air tìr mu 3.5 mìle bhon chladach.

Bhiodh na crainn nas àirde na togalach sam bith san Rìoghachd Aonaichte - agus nas àirde na Tùr Eiffel ann am Paris.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Twitter
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le BBC Naidheachdan

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le BBC Naidheachdan

'S e Spiorad na Mara an t-ainm a tha ga thoirt dhan leasachadh.

'S ann a-mach bho thaobh siar Leòdhais a bhiodh iad air an togail, sgìre sa bheil beagan a bharrachd air 3,500 duine a' fuireach, eadar Gearraidh na h-Aibhne agus Nis.

Tha an sealladh a th' acasan a-mach dhan chuan gun atharrachadh thar nan linntean.

Peigi Ann Shields
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Peigi Ann Shields à Bràdhagair draghail mun bhuaidh a bheireadh am pròiseact air an fhaireachdainn aice gu bheil i aig baile

Tha na planaichean a' cur uabhais air leithid Peigi Ann Shields, a tha a' togail teaghlaich ann am baile a sinnsearan, Bràdhagair.

"Tha mi a' faireachdain nuair a tha mi a' smaoineachadh mu dheidhinn gur e bristeadh-cridhe th’ ann," thuirt i.

"'S e seo an dachaigh agam agus gu bheil rudeigin cho mòr nach eil freagarrach 'son an àite, a’ dol far am bi mi a' coimhead a h-uile là.

"Bidh tòrr dhaoine a' cantainn "chan urrainn dhut a bhith a' smaointinn mu na seallaidhean" ach tha na seallaidhean sin mar phàirt den bheatha agam agus 's e seo an dachaigh agus ma dh’atharrachais iad 'son adhbharan nach eil math gu leòr, nam bheachdsa, bheir e buaidh mhòr air mo shlàint’-inntinn."

Chan eil ach dreach de na planaichean ann aig an ìre seo, ach tha iomairt air tòiseachadh nan aghaidh.

Tha Peigi Ann a’ dol le mòran den dragh a thathas a’ togail – gu sònraichte mu mheud nan crann agus càite am bi iad.

"Chan eil iad uabhasach fada air falbh," thuirt i.

"Tha an fheadhainn as fhaisge gu bhith 4.5km dìreach a-muigh, shìos ann a' shin agus anns an Scoping Report, tha iad a’ cantainn a-nise gum faod iad a bhith cho àrd ri 380m is tha sin nas àirde na an Eiffel Tower.

"Tha mi a' smaoineachadh nuair a tha daoine a' faicinn nan àireamhan sin, gu bheil e duilich dhaibh smaoineachadh air cho àrd 's a bhios iad."

Rodney "Cheggs" Jamieson agus Derek MacAoidh aig Eòrpa
Fo-thiotal an deilbh,

Tha teagamhan air Rodney "Cheggs" Jamieson am milleadh am pròiseact cliù cruth-tìre nan Eilean Siar agus am feum a tha na lùib a thaobh turasachd

Tha adhbharan eadar-dhealaichte aig daoine a bhith iomagaineach. Tha Rodney Cheggs Jamieson a’ cur seachad an t-uabhas ùine sa mhuir, mar chur-seachad, agus mar phàirt de a chuid obrach.

Bidh e a’ toirt luchd-turais a-mach a shurfadh.

"Tha an fhianais a' sealtainn dhomhsa, ma chuireas tu rud mòr cho faisg sin, gun atharraich e an t-àite, 's an iarr daoine fhathast tighinn an seo, oir, fhios agad, tha a' mhargaidheachd a bhios sinn a' dèanamh 'son na h-Eileanan an Iar a reic ri luchd-turais stèidhichte gu mòr air dreach na tìre," thuirt e.

"Cruth na tìre, seallaidhean, cultar, dualchas - 's ann leis na rudan seo uile a bhios sinn a' sanasachd an àite.

"Bidh sinn ga fhaicinn ann an sanasan-obrach do dhaoine a' feuchainn ri daoine a thàladh an seo airson caochladh obraichean.

"Beatha air a' bhlàr-a-muigh, 's na seallaidhean, an nàdar 's mar sin air adhart.

"Mar sin dheth, 's e an dragh a bhiodh ormsa, an atharraicheadh e an cliù sin?

Peigi Ann 's na caoraich aice ann am Bràdhagair

'S iad a' chompanaidh Chanadianach Northland Power a th' air cùl a' phròiseict, còmhla ris a' chompanaidh Èireannaich ESB.

Tha iad an dùil buannachd a thoirt à gaoth am pailteas airson dealan uaine a chruthachadh.

Dheadh a chur air tìr air taobh siar Leòdhais, 's tro chàball fon mhòintich gu taobh sear an eilein, far an gabh a chur ris a' Ghriod Nàiseanta.

"Tha sinn a' leasachadh a' phròiseict a tha seo an co-bhann le coimhearsnachdan ionadail agus luchd-ùidhe ionadail, agus is iomadh buannachd a dh'fhaodadh am pròiseact a thoirt seachad," thuirt Tanya Davies, aig Northland Power.

"Tha sinn aig ìre gu math tràth de bhith a' dealbh pasgain in-iomhnais choimhearsnachd luach nam milleanan notaichean

"Bheir am pròiseact cuideachd obraichean maireannach don sgìre, agus dùil ri eadar 80 agus 120 cosnadh san ùine fhada.

"Bidh eadar 750 agus 1,000 cosnadh ann tron obair-togail, le cothroman do phreantasan agus do ghnothachasan ionadail tro bhith gan solarachadh.

"Tha sinn an-dràsta a' dèanamh mheasaidhean mionaideach a thaobh buaidh air an àrainneachd, a bheir a-steach buaidh a' phròiseict ann an diofar dhòighean.

"Tha sinn cuideachd an impis tòiseachadh air measadh buaidh shòisealta - rud a nì sinn gu saor-thoileach a shealltainn gu bheil tuigse nas fharsainne againn air a' bhuaidh shòisealta a thig an cois a' phròiseict.

"Tha sinn ag aithneachadh gum faodadh na h-uimhir de dhiomb a bhith air daoine nach b' urrainn dhuinn na ceistean gu lèir a fhreagairt an-uiridh, leis gu bheil am pròiseact fhathast aig ìre cho tràth.

"Tha mi an dòchas a-niste agus an ath ìre de chonaltradh a' dol, gum bi fiosrachadh nas mionaidiche againn ri shealltainn do dhaoine air cò ris a dh'fhaodadh am pròiseact a bhith coltach."

Tanya Davies, Stiùiriche a' phròiseict le Northland Power
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Northland Power ag ràdh gun tig buannachdan mòra às a' phròiseact airson na coimhearsnachd

Chan eil Comhairle nan Eilean Siar, mar ùghdarras dealbhachaidh, le beachd oifigeil taobh seach taobh.

'S fhada ge-tà, a tha iad air a bhith a' miannachadh buannachd a thoirt às a' ghaoith airson eaconomaidh nan Eilean Siar a neartachadh.

Dh’innis iad do Eòrpa gu bheil iad ann an còmhraidhean le luchd-leasachaidh feuch an gabh dòigh a ruighinn gus dealan nas saoire fhaighinn do dh’eileanaich.

"Tha stòras gaoithe againn an seo a chuireas dìon air cumhachd agus connadh air feadh an t-saoghail – sin am brath a tha a' dol a-mach gu bheil sinn ag iarraidh leudachadh a-mach a-thaobh chumhachd ath-nuadhachail 'son cur ri tèarainteachd chonnaidh," thuirt an Comh. Dòmhnall Crichton.

"Is cuideachd gu nàiseanta, tha sinn a’ cuideachadh na h-àrainneachd agus gu h-ionadail tha e cudromach dhan eaconamaidh againn gum bi pròiseactan againn a tha a' dol a chur ris an eaconomaidh, obrachaidhean agus cuideachd a’ toirt sìos bochdainn connaidh a tha gu math àrd an seo anns na h-eileanan an taca ri àite sam bith anns an Rìoghachd," thuirt e.

Chithear Eòrpa: Spiorad na Mara Diardaoin air BBC ALBA aig 8:30f.