"Cobhair a dhìth" air caoraich Hiort

- Air fhoillseachadh
Bhàsaich cha mhòr 1,000 caora ann an Hiort air a' bhliadhna a chaidh seachad, sin cha mhòr an dàrna leth dhiubh.
'S e an t-acras a thug bàs dhaibh, agus a-niste tha lìghichean-sprèidh ann an Uibhist ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba Achd na Slàinte 's Maith Bheathaichean a chur an sàs 'son na caoraich a dhìon.
Tha na caoraich a' tighinn beò gun taic bho Mhac-an-duine ann an eileanan Hiort, an dèidh dhan t-sluagh falbh ann an 1930.
Thuirt na lìghichean-sprèidh nach robh ionaltradh gu leòr anns na h-eileanan airson na th' ann de chaoraich.
Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba (NTS) gu bheileas a' dèiligeadh ris na caoraich mar bheathaichean fiadhaich, leis gu bheil iad de shliochd chaorach a bha a' tighinn beò sna h-eileanan fad iomadach linn, agus mar sin gu bheileas a' cumail bho bhith a' gabhail gnothaich riutha.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil caoraich Hiort coltach ri fèidh, leis nach eil iad le duine, 's nach eil iad gam buachailleachd.
Ach tha na bheataichean David Buckland agus Graham Charlesworth den bheachd, leis gun robh daoine gam buachailleachd fad mhìltean de bhliadhnaichean, gur e stoc a th' annta a chaidh fhàgail a' tighinn beò gu fiadhaich.
"'S e mar a tha iad air bàs fhaighinn a tha a' dèanamh dragh do bheataichean. Saoilidh gur e bàs uabhasach a th' ann am bàs ri linn cion a' bhìdh," thuirt David Buckland.

Thuirt e gu bheil rannsachadh saidheansail air caoraich a tha a' tighinn beò ann an eileanan Hiort, Sòthaigh agus Boraraigh air sealltainn gu bheil mòran aca air bàsachachadh le cion a' bhìdh gu tric fad bhliadhnaichean.
"Tha sinn air a bhith a' feuchainn ri toirt air NTS agus Riaghaltas na h-Alba fad sia bliadhna piseach a thoirt air maith nan caorach, ach cha deach càil a dhèanamh," thuirt e.
Thuirt NTS nach ann gun chùram a tha iad a' coimhead air maith bheathaichean, agus gum bi iad a' leantainn reachdais iomchaidh.
"'S e pàirt chudromach de dhualchas Hiort a th' anns na Caoraich Hiortach, 's iad de shliochd chaorach air Eilean Shòthaigh far an robhas a' dèiligeadh riutha mar threud fhiadhaich, gun beantainn dhaibh ach a-mhàin airson sealg aig amannan le muinntir Hiort," thuirt labhraiche.
"Thèid dèiligeadh ris na caoraich mar bheathaichean fiadhaich, le dùil nach gabhar gnothach riutha ach a-mhàin ann am fìor chorra shuidheachadh, leithid droch ghalair a tha gan cur ann an cunnart."
Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad air a bhith a' conaltradh fad ùine mhòir leis na bheataichean a thaobh manaidsearachd agus maith nan caorach.
"Cumaidh sinn oirnn a' cumail ri reachdas an Riaghaltais Albannaich a thaobh nan caorach Hiortach, agus tha sinn toilichte cur ri ath-sgrùdadh sam bith a roghnaicheas iad a dhèanamh," thuirt an labhraiche.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil eachdraidh nan caorach a' fàgail nach eileas a' gabhail riutha mar ghnè a bh' air a buachailleachd tric ann an Eileanan Bhreatainn.
"Tha seo a' ciallachadh nach eil riaghailtean Achd na Slàinte 's Maith Bheathaichean 2006 a' beantainn ris a' chùis. B' e seo seasamh cunbhalach Riaghtlas na h-Alba fad iomadh bliadhna.
"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil caochladh dhùbhlan an lùib bheathaichean fiadhaich de sheòrsa sam bith ann an Alba, o bhliadhna gu bliadhna, a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air na h-àireamhan a th' ann dhiubh.
"A thaobh nan caorach Hiortach, bidh droch aimsir a' Gheamhraidh gu mì-fhortanach ag adhbharachadh gum bàsaich barrachd dhiubh."
Thuirt an fheadhainn a tha an lùib Pròiseact nan Caorach Hiortach, a th' air a bhith a' rannsachadh nam beathaichean bho 1985, gun bheil na caoraich air a bhith a' gabhail ris an àrainneachd a th' aca fad cheudan de bhliadhnaichean, agus gum faodar coimeas a dhèanamh eadar na tha a' bàsachadh dhiubh tron Gheamhradh, agus na tha a' bàsachadh de bheathaichean fiadhaich eile an Alba.
"Chan eil fianais sam bith ann gu bheil caoraich Hiortach a th' ann an Hiort a' fulang ann an dòighean sam bith eadar-dhealaicte seach beathaichean eile a dh'fheumas a bhith a-muigh tro gheamhraidhean Eileanach."