£100,000 airson Steòrnabhagh a sgeadachadh

- Air fhoillseachadh
Dh' aontaich Fòram Steòrnabhaigh ri molaidhean £100,000 de theachd a-steach Oighreachd a' Chrùin a chleachdadh gus piseach a thoirt air meadhan a' bhaile.
Thèid £20,000 dhen sin a chleachdadh gus meadhan a bhaile a ghlanadh.
Chaidh aontachadh cuideachd coimhead air dè chosgadh e lùghdachadh a thoirt air na th' ann de dh'àitichean far an urrainn do chàraichean a dhol - far am bi daoine a' coiseachd sa bhaile.
A bharrachd air sin, chaidh a ràdh gum feum plana bliadhnail a bhith ann 'son obair-càraidh a dhèanamh san sgìre.
'S e leas-cheannard na Comhairle, Donnchadh MacAonghais a bha os cionn na coinneimh, le buill bho Chomhairle nan Eilean Siar, Comhairle Coimhearsnachd Steòrnabhaigh, Ùghdarras Chala Steòrnabhaigh, Crannchar nan Eilean Siar, Urras Steòrnabhaigh agus Buidhean Malairt Steòrnabhaigh an làthair.
Thuirt Mgr MacAonghais às dèidh làimh gun cuidich am maoineachadh seo piseach a thoirt air meadhan a' bhaile agus gu bheil e cudromach gun tachair seo le tòrr a' tadhal air Steòrnabhagh ann am bàtaichean mòra luchd-turais, a tha cleachdadh a' chala ùr dhomhain.
Thuirt e cuideachd gun robh e cudromach gur e àite a bhios ann a tha freagarrach do gach neach a tha a' fuireach gu h-ionadail, gnothachasan agus luchd-turais.