Tarasaigh: An t-eilean beag le planaichean mòra
- Air fhoillseachadh
Cheannaich Adam agus Cathra Kelliher Eilean Tharasaigh ann an 2011. A’ fuireach ann am Borgh anns na Hearadh, bha iad an-còmhnaidh a’ coimhead a-mach bhon taigh aca ‘s a’ faicinn na grèine a’ deàrsadh a-nuas air an eilean. Nuair a fhuair iad an cothrom Tarasaigh a cheannach, ‘s e sin a rinn iad – còig là bho chaidh e air a’ mhargaidh, bha an t-eilean aca.
Ainmeil airson a’ phrògram “Castaway” a chaidh a chlàradh ann an Tarasaigh ann an 2000, tha planaichean mòra aig na Kellihers air na tha iad ag iarraidh a dhèanamh leis an-diugh.
Linn an Umha
Tha na Kellihers airson an t-eilean a chur air ais chun na staid anns a robh e ann an Linn an Umha.
“Tha sinn ag iarraidh an t-eilean a chur ais mar a bha e mus do thòisich àiteachas,” thuirt Adam.
“Bha craobhan an seo uaireigin, bha beathaichean ann, bha beatha an seo, tha sin uile air falbh a-nis gu mì-fhortanach, ach tha sinn airson an t-eilean ath-beothachadh.”
Ged a tha beachd ann nach e an t-àite ceart a th’ anns na Hearadh airson craobhan a chur, thuirt Cathra gun do chuir a h-athair an t-uabhas de chraobhan ann am Borgh, anns na Hearadh, 40 bliadhna air ais agus tha iad an-diugh mar choille timcheall an taighe.
“Tha fios againn dè tha ri thighinn ann an 40 bliadhna,” thuirt i.
Tha iad airson “Coille-uisge Atlantach” no “Coille-uisge Cheilteach” mar a thuirt Adam, a chur air an eilean. Craobhan beaga a bhiodh ann, nach eil a’ fàs ceart leis an aimisir ach às dèidh 30/40 bliadhna, fàsaidh iad chun am meud ceart.
Cead do stuth Twitter?
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Sgilean Fàsaich
A bharrachd air a’ phlana a th’ aca a thaobh nàdair an eilein, tha na Kellihers gus tursan a thòiseachadh gu Tarasaigh air a’ mhìos seo.
‘S ann mu dheidhinn a bhith ag ionnsachadh sgilean a chumas daoine beò a tha na tursan seo gu bhith – sgilean fàsaich, no “survival skills” mar a chanas iad anns a’ chànan eile.
Eadar mu £15,000 gu £25,000 airson dà oidhche do bhuidhnean, ionnsaichidh an luchd-turais ciamar a chumas iad iad fhèin beò air leithid de dh’eilean.
Tha na Kellihers gu bhith ag obair còmhla ris a’ bhuidhinn “Rvival” airson na tursan a chur air dòigh. ‘S ann mar phàirt den SAS a bha a’ chuid mhòr de na daoine a tha ga ruith.
Bidh snàmh sa mhuir, biadh a lorg agus teàrnadh ròpa, no “abseiling” am measg nan sgilean a bhios aca ri ionnsachadh.
“Tha sinn an dòchas gu bheil na tursan gu bhith cuideachail do dhaoine a th’ airson a bhith ceangailte ris an àrainneachd,” thuirt Adam.
Tha iad an dòchas gun obraich an dà phlana a th’ aca còmhla.
“Bidh na daoine a tha a’ tighinn chun an eilein airson an turais, a’ gabhail pàirt ann a bhith a’ cur ris an àrainneachd cuideachd,” thuirt Cathra.
“Tha na tursan gu bhith “gun bhuaidh” no “zero-impact” agus cha dèan an luchd-turais cron air an àrainneachd, ach a’ cur ris.”
Tha Adam agus Cathra airson ‘s gum bi obraichean ann do dhaoine anns na Hearadh.
“Tha sinn an dòchas gum faigh daoine anns na Hearadh trèanadh bho na daoine aig Rvival gus an eilean fhaighinn deiseil airson gach turais,” thuirt Cathra.
A bharrachd air obraichean do dh’eileanaich, tha iad an dùil tursan a thoirt do sgoiltean no buidhnean òigridh chun an eilein an-asgaidh.
“Aig deireadh chùisean, ‘s e an t-eilean againn fhèin a th’ ann agus ‘s e rud neo-chunntasach a bhiodh ann gun a bhith a’ cleachdadh an eilein no a bhith a’ cur ris,” thuirt Cathra.
“‘S e an t-eilean as bòidhche air an t-saoghal a th’ ann agus bu toil leinn an t-eilean ath-bheòthachadh.
“Mas e “hub” a bhiodh ann an Tarasaigh, far a bheil daoine a’ tighinn thugainn agus a’ gabhail pàirt ann – bhiodh sin sgoinneil.”