Cead ga iarraidh ionad coimhearsnachd Scalpaigh a leasachadh

ScalpaighTùs an deilbh, UNDISCOVERED SCOTLAND
  • Air fhoillseachadh

Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh airson ionad coimhearsnachd Scalpaigh ath-leasachadh.

Tha Comann Coimhearsnachd Scalpaigh ag iarraidh ionad-dualchais, cafaidh, bùth agus tasglann a chur ris an ionad choimhearsnachd

Fo na planaichean dheadh an togalach a th' ann a leudachadh agus ùrachadh.

Thathas an dòchas gun deadh aig an ionad ùr air mu 10,000 de luchd-tadhail a fhrithealadh sa bhliadhna, a thuilleadh air an 200 duine a tha a' fuireach san eilean.

Nochd na planaichean an toiseach o chionn ceithir bliadhna, 's goireasan nigheadaireachd agus taighean-beaga poblach cuideachd nam pàirt den leasachadh.