4,900 dachaigh fhathast às aonais dealain an dèidh Stoirm Amy

Luchd-einnsiniridh SSEN a' càradh loidhnichean faisg air a' Chananaich air an deireadh-sheachdain
- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh SSEN air innse gu bheil 4,900 dachaigh fhathast as aonais dealain an dèidh stoirm Amy.
Thuirt iad gu bheil an luchd-einnsiniridh aca air mu 83,000 dachaigh a cheangal air ais agus gu bheil iad an dùil gum faigh a h-uile duine an dealain air ais ro oidhche Luain.
Dh'innis iad gu bheil iomairt mhòr a' leantainn gus cobhair a dhèanamh air an luchd-cleachdaidh aca a tha feumach air, le luchd-obrach bhon chompanaidh agus a' Chrois Dhearg an sàs.
Tha biadh teth ga thoirt seachad ann an coimhearsnachdan a tha air a bhith às aonais an dealain le fiosrachadh ri fhaighinn air làrach-lìn na companaidh, taobh a-muigh.
Thuirt ScotRail gun robh iadsan a' sùileachadh gum biodh an ìre mhath a h-uile seirbheis aca air ais chun àbhaist Diluain, ged a dh'fhaodadh corra sheirbheis a bhith dheth.