Bonn òir do Khara Hanlon à Leòdhas aig Farpaisean Snàimh Bhreatainn

Kara Hanlon (sa mheadhan)
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Kara Hanlon (sa mheadhan) a-nis ag amas air faighinn gu Farpaisean na Cruinne ann an Singapore

  • Air fhoillseachadh

'S i Kara Hanlon a bhuineas do Leòdhas a bhuannaich rèis na buille-broillich (breaststroke) thairis air 50 meatair aig Farpaisean Snàimh Bhreatainn ann an Lunnainn oidhche Mhàirt.

Chrìochnaich i an rèis ann an 30.8 diogan; 's e an uair a bu luaithe aice airson an astair sin 20.5 diogan.

Bha bonn òir cuideachd do bhan-Albannach eile, Keanna NicAonghais, ann an rèis buille an dealain-dhè (butterfly stroke) 200m air a' chiad là den cho-fharpais.

'S e an ceathramh tiotal Breatannach don bhana-Leòdhasach, 27.

Rinn i a' chùis thairis air an aon astar ann an 2023 agus 's i a bhuannaich an rèis 100m ann an 2022 agus farpais 200m ann an 2024.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha dà fharpais eile aig Kara an t-seachdain seo, rèis buille-broillich 200m Diardaoin agus thairis air 100m Là na Sàbaid.

Ma shoirbhicheas leatha thèid i air adhart gu Farpaisean na Cruinne ann an Singapore.

"Feumaidh i dèanamh math le uairean agus buannachadh neo faighinn san dàrna àite Diardaoin neo Là na Sàbaid, chan eil an rèis a-raoir a' cunntadh," mhìnich màthair Kara, Marilyn Hanlon, air Aithris na Maidne madainn Diciadain.

"Tha i a' coimhead air adhart ri sin - 's e seachdain fhada a tha gu bhith ann dhi."

Ma 's e agus gum faigh i air a dhol gu Farpaisean na Cruinne bhiodh e a' ciallachadh gur dòcha nach fhaigh i gu Geamaichean nan Eilean ann an Arcaibh.