Leabhran ùr gus clach-mhìle ChnaG a chomharrachadh

Ceannardan ChnaG thar nam bliadhnaichean còmhla aig co-labhairt ann an Steòrnabhagh nas tràithe am-bliadhna
Fo-thiotal an deilbh,

Ceannardan ChnaG thar nam bliadhnaichean còmhla aig co-labhairt ann an Steòrnabhagh nas tràithe am-bliadhna gus comharrachadh 40 bliadhna den bhuidhinn

  • Air fhoillseachadh

Tha Comunn na Gàidhlig air leabhran ùr fhoillseachadh gus comharrachadh 40 bliadhna bho chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh bho thùs.

Thòisich CnaG gu h-oifigeil san t-Sultain 1984 is a' bhuidheann gu mòr an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig bhon uairsin.

Bha grunn thachartasan aca roimhe gus an 40 bliadhna a chomharrachadh.

'S e am prìomh rud a' cho-labhairt mhòr a bh' aca ann an Steòrnabhagh sa Ghearran mu chor na Gàidhlig.

Thug a' cho-labhairt sin còmhla feadhainn a bha an sàs ann an CnaG thar nam bliadhnaichean, cho math ri gu leòr eile gus cnuasachadh air suidheachadh a' chànain.

Thàinig e gu ceann le moladh bho cheannard na buidhne gum bu chòir lìonra de dh'oifigearan coimhearsnachd a bhrosnaicheadh òigridh na Gàidhlig a leudachadh gu mòr.

Thuirt Dòmhnall MacNèill aig an àm nach deach ach an dàrna leth den mhodail 'son FtMG a chruthachadh, is gu bheil feum air sùil às ùr taobh a-muigh na sgoile.

Tha CnaG ag ràdh a-nise gur e leabhran an ceum mu dheireadh aca a thaobh an 40 bliadhna a chomharrachadh.

Thuirt iad gu bheil CnaG@40 ag innse beagan den eachdraidh "is na prìomh ghnìomhan thairis air an ùine sin, ach ann an dòigh nas pearsanta – bho shùilean, agus ann am briathran an fheadhainn a bha an sàs aig stiùir na buidhne".

"Bha beachd ann gun robh còir againn rudeigin leantainneach a dhèanamh gus an ceann-bliadhna seo a chomharrachadh, agus gum biodh e iomchaidh seo a dhèanamh tro chuimhneachain an fheadhainn a bha an sàs thairis air an ùine 'ud. Le siud chan e eachdraidh acadaimigeach, tioram a tha seo, ach rud nas pearsanta," thuirt Dòmhnall MacNèill.

"Mar a tha deagh fhios againn uile, tha e iongantach cho luath 's a tha an ùine a' dol seachad, is le bhith a' cur rudeigin mar seo ann an clò tha sinn an dòchas gun toir e urram dhaibhsan a bha an sàs, ach cuideachd gum bi e mar ghoireas air choreigin san àm ri teachd dhaibhsan a bhiodh a' coimhead air ais air a' phàirt seo de dh'eachdraidh leasachadh na Gàidhlig."

'S i Stiùiriche Leasachaidh ChnaG, Marina Mhoireach, a chuir ri chèile am prògram de thachartasan gus clach-mhìle na buidhne a chomharrachadh.

Thuirt i gur e dòigh fhreagarrach a tha san leabhran gus an gnothach a thoirt gu ceann.

"Tha sinn gu math taingeil do Chomhairle nan Leabhraichean airson am pròiseact seo a mhaoineachadh agus cothrom a thoirt dhuinn eachdraidh na buidhne a chlàradh san dòigh seo. Cuideachd, dhan a h-uile duine a chuidich le bhith a' toirt agallamhan is fiosrachadh dhuinn gus iomradh nas coileanta a tharraing ri chèile," thuirt i.

Thèid an leabhran a chur air bhog aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns a' Ghearasdan Diciadain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo