An Alfred a' fuireach sia mìosan eile

- Air fhoillseachadh
Dh'innis CalMac gu bheil Còmhdhail Alba air an t-aonta màil le Pentland Ferries airson an MV Alfred a leudachadh fad sia mìosan eile.
Chaidh aonta a dhèanamh sa chiad dol a-mach an-uiridh.
Bha an t-aonta a bh' ann gus tighinn gu ceann san t-Sultain ach tha e a-nise air a leudachadh chun a' Mhàirt 2025.
Chuir CalMac fàilte air an naidheachd is iad ag ràdh gun neartaich seo an lìonra tro mhìosan trang an t-samhraidh agus nuair a tha bàtaichean eile san doc sa gheamhradh.
Cead do stuth X?
Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.
Tha an Alfred air a bhith a' ruith eadar An Truthail/Àird Rosain is Tràigh a' Chaisteil.
Thuirt CalMac gun tig fios air dè dìreach a bhios roimhpe anns na mìosan ri tighinn às dèidh chòmhraidhean le luchd-cleachdaidh.
Dhearbh a' chompanaidh cuideachd gu bheil dùil gun till an MV Caledonian Isles gu seirbheis ro dheireadh an Lùnastail.
Tha am bàta, a tha mar as trice air an t-slighe eadar Àird Rosain is Tràigh a' Chaisteil, air a bhith san doc bhon Fhaoilleach.
Thuirt CalMac gu bheil iad cuideachd an dùil gun tig an MV Glen Sannox agus an MV Isle of Islay a-steach gu seirbheis mus tig an t-aonta airson an Alfred gu ceann.