Àrd-Oifigear ùr Stòras Uibhist air co-dhùnadh gun an dreuchd a ghabhail

Stòras Uibhist
  • Air fhoillseachadh

Tha barrachd troimhe-chèile ann aig Stòras Uibhist is an t-uachdaran coimhearsnachd air dearbhadh nach gabh Huw Francis a-nise obair mar àrd-oifigear eadar-amail.

Bha Stòras air innse roimhe gum biodh Mgr Francis a' tilleadh chun na buidhne airson sia mìosan bhon 8mh den t-Sultain.

Thuirt iad aig an àm gun toireadh e seachad "ceannas agus seasmhachd" agus gun cuidicheadh e leis a' phròiseas gus àrd-oifigear leantainneach fhastadh.

'S e Huw Francis a' chiad àrd-stiùiriche a bh' air a' bhuidhinn nuair a cheannaich iad oighreachd Uibhist a Deas ann an 2006 is bha e os an cionn fad deich bliadhna.

Ach ann am brath Diardaoin, tha Stòras air innse gu bheil Mgr Francis a-nise air co-dhùnadh nach gabh e an obair.

Cha tuirt an t-uachdaran coimhearsnachd an còrr mun chùis.

Dh'fhàg Darren Mac an Tàilleir, an t-àrd-oifigear a bh' ann, air a' mhìos a chaidh.

Aig toiseach na bliadhna leig Iain Stephen Moireasdan obair seachad mar chathraiche Sealladh na Beinne Mòire - a' chompanaidh a tha os cionn Stòras Uibhist - às dèidh ceithir mìosan san obair.

Tha iar-chathraiche na companaidh, Raghnall MacCoinnich, a' gabhail uallaich a' chathraiche gu h-eadar-amail.