Dragh mu phlana dà amar-snàimh an Leòdhas a dhùnadh

Kara Hanlon
  • Air fhoillseachadh

Tha daoine mì-thoilichte le moladh Comhairle nan Eilean Siar na h-amaran-snàimh aig Sgoil Shiaboist air taobh siar Leòdhais agus Sgoil Lìonail ann an Nis a dhùnadh mar oidhirp na leabhraichean a chothromachadh.

Dh'aontaich comhairlichean ri gearraidhean luach £1.4m nas tràithe air a' bhliadhna.

Tha sin a' toirt a' steach sàbhalaidhean de £75,000 bho bhuidseat nan goireasan spòrs.

Tha seo air connspaid adhbharachadh san dà sgìre agus beachd ann gu bheil e a' dol an aghaidh phoileasaidhean Comhairle nan Eilean Siar dèiligeadh ri crìonadh-sluaigh.

Tha Gòrdan MacMhathain, Manaidsear Gnothachais Urras Leasachaidh Horsiadair, ag ràdh gu bheil daoine "air an uabhasachadh gun deach fiù 's beachdachadh air an leithid".

Thuirt e: "Tha na h-amaran-snàimh riatanach a thaobh nan amasan againn goireasan agus daoine a chumail agus a bhith a' tarraing dhaoine a thighinn a dh'fhuireach ann.

"Tha e riatanach gun cùm sinn fosgailte iad."

Pàiste a' snàmh an amar-snàimhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha pàrantan anns gach sgìre diombach gum faod iad na goireasan poblach a chall

Tha pàrantan anns gach sgìre le dragh gum faodadh gun caill iad nan goireasan poblach seo.

Tha Aileen Elder, Cathraiche Chomann nam Pàrant aig Sgoil Shiaboist, ag ràdh "nach eil mòran ghoireasan ann do chloinn far an urrainn dhaibh cruinneachadh."

Thuirt i: "Tha seo a a' dol an aghaidh a bhith a' coimhead às dèidh crìonadh-sluaigh a th' againn sna sgìrean beaga taobh a-muigh a' bhaile".

Tha Murchadh MacRisnidh na phàrant ann an Nis agus tha e diombach mun mholadh an dèidh gach iomairt an sgìre a dhèanamh nas tarraingiche do luchd-còmhnaidh ùra.

"Tha na h-amaran-snàimh anns an dà sgìre fìor chudromach san obair sin, gu h-àraidh do chloinn òga ma tha liostaichean-feitheimh fada aig an amar-snàimh ann an Steòrnabhagh.

"Tha an fheadhainn ann an Nis agus Siabost a' toirt cothrom dhaibh a dhol a shnàmh gu h-ionadail," thuirt e.

'S i Kara Hanlon an snàmhadair a bu shoirbheachaile fhathast a thàinig às na h-Eileanan an Iar 's i air 17 buinn a chosnadh do sgioba na sgìre aig Geamaichean nan Eilean thar nam bliadhnaichean.

'S ann an amar-snàimh Lìonail a chuir i seachad mòran de a h-òige a' trèanadh.

Tha a màthair, Marilyn, ag ràdh gum bi e "gu math tàmailteach ma dhùineas e".

"Mura biodh amar-snàimh ann an Lìonal ann cha bhiodh Kara far a bheil i agus cho soirbheachail 's a tha i.

"Tha sinn ag iarraidh gum faigh a h-uile duine a h-uile càil a fhuair ise agus snàmh fhaighinn ann an Steòrnabhagh, ann an Siabost agus ann an Lìonal," thuirt i.

Amar-snàimh Lionail
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann san amar-snàimh aig Sgoil Lìonail far an do rinn Kara Hanlon trèanadh na h-òige

Ann am brath, thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil cuideam air buidseatan a' ciallachadh gu bheil aca ri gearraidhean a dhèanamh ann an seirbheisean nach eil riatanach.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gum bi co-chomhairleachadh phoblach a' tòiseachadh ro dheireadh na mìos.

Tha iad a' brosnachadh a' phobaill am beachdan a thoirt seacad.

Nì iad measadh air na freagairtean a gheibh iad mus bi bhòt aig comhairlichean air na roghainnean a bhios ann.