Riaghaltas "fosgailte" ri sùil às ùr air structar riaghlaidh nan aiseagan

Fiona HyslopTùs an deilbh, Pàrlamaid na h-Alba
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail gu bheil Riaghaltas na h-Alba fhathast fosgailte ri coimhead air crathadh a thoirt air structar riaghlaidh nan aiseagan.

Tha Fiona Hyslop ag ràdh "gur dòcha gu bheil e nas freagarraiche coimhead ris a-nise seach mar a bha san dà bhliadhna mu dheireadh".

Bha i ga ceasnachadh mun chùis le Comataidh na Còmhdhail aig Holyrood Dimàirt.

Tha gearainean air a bhith tric is minig thar nam bliadhnaichean mu structar nan aiseagan is mar a tha CalMac, CMAL is Còmhdhail Alba ag obair còmhla.

Thog fear-gairm na comataidh, Eideard Mountain BPA, air aithisg a rinn iad fhèin ann an 2023 a thuirt gun robh "aonta farsaing ann nach eil an siostam a th' ann ag obair gu h-èifeachdach is a' frithealadh choimhearsnachdan mar bu chòir".

Bha an aithisg sin air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba coimhead air CMAL a chur mar phàirt de Chòmhdhail Alba ann am buidhinn air am biodh Aiseagan na h-Alba.

Dh'fhaighnich Mgr Mountain dhan rùnaire dè an t-adhartas a rinn an riaghaltas air a' cheist bho 2023.

Thuirt Fiona Hyslop gu bheil buidhnean nan aiseagan air a bhith ag obair còmhla is gun deach obair chudromach a dhèanamh gus cùmhant nan aiseagan a thoirt gu dìreach gu CalMac, agus gus aiseagan ùra fhaighinn airson a' chosta an iar.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Fiona Hyslop a' freagairt ceist bho Èideard Mountain

Thuirt i gun robh cunnart ann gum biodh maill air a dhol air an "obair mhòir" sin nam biodh sùil ga toirt air an structar riaghlaidh aig an aon àm.

Ach tha i ag ràdh gu bheil an riaghaltas fhathast deònach coimhead ris is gu bheil iad ann an suidheachadh nas fheàrr a-nise airson sin a dhèanamh.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil an obair a tha CMAL a' dèanamh riatanach," thuirt i ris a' chomataidh.

"A thaobh an structair riaghlaidh fhèin agus an obraicheadh gnothaichean na b' fheàrr le buidhnean a thoirt còmhla, tha mi fosgailte ri sin, is far a bheil sinn an-dràsta - leis a' chùmhnant aig tè de na buidhnean - tha sinn ann an àite nas fheàrr coimhead air dè 's dòcha a nì sinn a' dol air adhart.

"Chan eil mi a' dùnadh an dorais air an roghainn sin idir," thuirt i.

Thuirt Ms Hyslop cuideachd gu bheil an riaghaltas air gabhail ri tòrr de na molaidhean a bh' anns an aithisg bho 2023 anns a' chùmhnant a tha iad dìreach air a thoirt gu CalMac.

Riochdaire eileanach

Chaidh faighneachd dhi cuideachd mu aithrisean gun deach an aon eileanach a bh' air bòrd CMAL, Murchadh MacIllinnein, "a phutadh às".

Bha Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas (SUBIG) am measg na bha air dragh a thogail mun t-suidheachadh is aithrisean ann gun do chaill Mgr MacIllinnein taic ri linn eas-aonta mu cò bu chòir a bhith a' cur air bhog aiseagan ùra nan Eilean Siar san Tuirc.

Thuirt Ms Hyslop nach biodh i a' toirt seachad beachd air "fathanan is goistidh" ach gu bheil e "fìor chudromach" gum bi eileanaich air bùird nan aiseagan.

Thuirt i gun tèid sanas fhoillseachadh a dh'aithghearr gus dèanamh cinnteach gum bi na h-eileanan air an riochdachadh air bòrd CMAL.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan an t-seachdain seo chaidh, thuirt Còmhdhail Alba gum bi iad "ag iarraidh thagraidhean bho dhaoine a tha a' fuireach is ag obair ann an eileanan, a' toirt a-steach sgilean sa Ghàidhlig, cho math ris na sgilean is eòlas a tha riatanach 'son a bhith air bòrd".