Maoim-slèibhe ann an Hiort

- Air fhoillseachadh
Dh'adhbharaich Stoirm Floris maoim-slèibhe meadhanach mòr ann an Hiort.
Dh'innis Urras Nàiseanta na h-Alba gun tug uisge fìor throm na tunnaichean mòra de pholl 's de chlachan bho chnoc a-nuas.

Chaidh ballaichean cloiche a mhilleadh agus feadhainn de na cleitean anns am biodh muinntir Hiort uaireigin a' stòradh bidhe.
'S e a' chiad mhaoim-slèibhe de a seòrsa a chunnacas anns an eilean bho chionn bhliadhnaichean mòra.