Dh'fhaodadh gun tòisich obair air seach-rathad Phort Rìgh san t-Samhain

Port RìghTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh obair air seach-rathad Phort Rìgh tòiseachadh san t-Samhain le Riaghaltas na h-Alba a' toirt seachad iasaid a chuidicheas le cosgais £1.6m na h-obrach sa chiad dol a-mach.

Thathar a' moladh an rathaid airson faochadh a thoirt dhan trafaig ann am meadhan a' bhaile agus gun leig e le leasachaidhean taigheadais ùra a dhol air adhart.

Tha iarrtas air a bhith ann airson an rathaid fad bhliadhnaichean agus tha e air a bhith mar phàirt de phlana leasachaidh na sgìre bho 2019.

Ann an aithisg do chomhairlichean, thuirt oifigich gum pàigheadh airgead luchd-leasachaidh cosgaisean an iasaid thairis air ùine.

Tha dùil gum faodadh gun toir e 6 mìosan an rathad a thogail.

Bha dòchas aig Comhairle na Gàidhealtachd ron seo gun deadh a thogail ann an 2022.

Dhèanadh an rathad ùr ceangal eadar an A87 agus an A855 - dà shlighe air leth cudromach san Eilean Sgitheanach.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gum biodh an rathad ùr a' ciallachadh gum faodadh obair-togail thaighean a dhol air adhart ann an ceann a tuath Phort Rìgh.