CnaG a' comharrachadh ceann-bliadhna sònraichte

- Air fhoillseachadh
Bidhear a' comharrachadh a dh'aithghear gu bheil 40 bliadhna ann bho thàinig Comunn na Gàidhlig gu bith.
‘S ann air an 7mh den t-Sultain 1984 a chaidh ainm a chur ri pàipearan a stèidhich tè de phrìomh bhuidhnean leasachaidh a' chànain.
Bidhear a' cumail sreath chuirmean agus tachartasan airson an ceann-bliadhna seo a chomharrachadh.
Am measg na tha san amharc aca, tha co-labhairt fhosgailte mun t-slighe air adhart dhan Ghàidhlig ann an Steòrnabhagh an ath-bhliadhna.
Thuirt Cathraiche Bòrd-Stiùiridh ChnaG, Calum Iain MacLeòid, gun robh seo mar chothrom cuimhneachadh air na h-iomairtean san robh iad an sàs ach cuideachd a bhith a' cur ris an deasbad mu leasachadh na Gàidhlig.
“Bu chòir gum biodh e follaiseach dhuinn uile gu bheil obair ri dhèanamh fhathast, agus nach eil a’ Ghàidhlig ann an suidheachadh cho làidir no cho seasmhach ri sin," thuirt e.
B' e aon de mholaidhean aithisg a dh'iarr Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean (an ‘HIDB’) gum bu chòir buidheann phroifeasanta a chur air bhonn airson cor na Gàidhlig a neartachadh.
B' e an t-amas spionnadh a thoirt do leasachadh a' chànain nuair a stèidhicheadh Comunn na Gàidhlig, agus gu leòr a' dol aig an àm le toiseach-tòiseachaidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san aon bhliadhna, agus fòcas às ùr air craoladh sa Ghàidhlig a leudachadh.
Nuair a chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh an dèidh Achd na Gàidhlig (Alba) ann an 2005, ghabh iadsan an t-uallach airson ro-innleachd leasachadh na Gàidhlig.
Agallamh le ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill, is e a' mìneachadh mar a tha a' bhuidheann air atharrachadh tro na bliadhnaichean.
'S e fòcas CnaG bhon uairsin cothroman a thabhann air an òigridh an cànan a bhruidhinn sa choimhearsnachd, agus ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Mar sin, tha daoine òga gu bhith gu mòr an sàs sna bhios a' dol aca.
Thuirt Stiùiriche Leasachaidh ChnaG, Marina Mhoireach: “Tha an eachdraidh a tha siud cudromach a chlàradh, ach aig a' cheart àm tha an obair againne san là th’ ann cho dlùth ris an òigridh, agus bha sinn airson 's gum biodh àite acasan sa phrògram seo tro na cèilidhean teaghlaich a tha gu bhith ann," mhìnich i.
Am measg na tha san amharc aca tha cuirm-chiùil aig an Lanntair air an 6mh den t-Sultain ann an co-bhonn le fèis Blas agus Fèisean nan Gàidheal.
An oidhche às dèidh sin, 40 bliadhna on chaidh CnaG a stèidheachadh, bidh cèilidh teaghlaich ann an Talla MhicGuaire ann am Borgh ann an Leòdhas.
Bidh sreath de chèilidhean teaghlaich air an cumail chun a' Ghearrain an ath-bhliadhna ann an diofar àitichean, nam measg aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban.
Thathar cuideachd ag obair airson co-labhairt a bhith aca ann an Steòrnabhagh mu leasachadh na Gàidhlig mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2025.
Agus tha leabhran ‘CnaG@40’ ri dheasachadh a dh’innseas sgeul na buidhne is na prìomh ghnìomhan a thèid fhoillseachadh aig a' chò-labhairt.
"Tha sinn airson togail air na rudan soirbheachail a th’ air tachart, ach airson coimhead air adhart cuideachd", thuirt Marina Mhoireach.
"Tha sinn dha-rìribh airson cothrom a thoirt dhan choimhearsnachd Ghàidhlig, agus an luchd-iomairt an guth a thogail mu na tha a dhìth sam àm ri teachd.”