Am Bonaparte a chaidh air turas sa Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
An cuala sibh a-riamh mun turas a ghabh Bonaparte sa Ghàidhealtachd, agus mar a chuir e roimhe a' Ghàidhlig ionnsachadh?
Chan e ficsean a tha seo ach rud a thachair dha-rìribh, ach cha b’ e an comanndair Frangach ainmeil a bh’ ann ach mac a bhràthar, Louis Lucien Bonaparte.
Eòlaiche chànanan a bh’ ann an Louis Lucien agus bha ùidh mhòr aige sna cànanan Ceilteach.
Agus ann an 1858 – nas lugha na 50 bliadhna às dèidh call bràthair athar aig blàr Waterloo – dh’fhalbh e air turas fada timcheall na Gàidhealtachd agus nan Eilean, is e ag ionnsachadh cànan nan Gàidheal.
An Teaghlach Bonaparte
Cha robh an uairsin agus chan eil an-diugh mòran shloinnidhean cho ainmeil ri Bonaparte. Bha e air bilean an t-sluaigh san 19mh Linn agus tha e air a bhith tric sna naidheachdan a-rithist o chionn ghoirid às dèidh film connspaidich ùir mu bheatha Napoleon I.
Tha an deasbad sin air a bhith ann gu ìre air choireigin bho thàinig an neach-airm beag à Corsica am bàrr an toiseach aig àm Ar-a-mach na Frainge. Tha luchd-poileataigs, luchd-naidheachd, agus gu sònraichte luchd-eachdraidh tric a' cnuasachadh a dhìleib.
Gu follaiseach, chan eil sgeulachd Louis Lucien Bonaparte air faisg air an aon àite fhaighinn sna leabhraichean eachdraidh. Agus a thaobh nan ceanglaichean aige dhan Ghàidhlig, 's gann gu bheil iomradh air idir.
Ach 's e aon duine a tha air an sgeulachd a rannsachadh an cànanaiche Roibeard Ó Maolalaigh, Ollamh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu.
“’S e mac bràthar Napleon I a bh' ann, agus Lucien an t-ainm a bh' air athair,” mhìnich e.
“Tha e coltach gun robh eas-aonta eadar Napoleon agus a bhràthair Lucien agus gun deach Lucien air fògradh, air a cheann fhèin, agus e an dùil a dhol a dh'Aimeireaga.
“Ach chaidh a ghlacadh agus chaidh a thoirt gu Sasainn na phrìosanach cogaidh. Ach cha b' e prìosanach cogaidh àbhaisteach a bh' ann oir fhuair e cead taigh mòr a cheannach ann am Worcester.
"Tha mi a' smaoineachadh gun robh sin ann an 1810 agus ann an 1813 rugadh am Prionnsa, Louis Lucien, ann an Sasainn.”
Bhon Eadailt gu Sasainn
Ach bliadhna às dèidh a bhreith, ghluais an teaghlach dhan Eadailt. Thàinig rèite eadar athair agus Napoleon às dèidh don cheannard Fhrangach tilleadh bho fhògradh ann an Elba 'son 100 là ann an 1815, le Lucien a' dol air ais dhan Fhraing gus taic a thoirt dha a bhràthair.
Ach thill e dhan Eadailt às dèidh call nam Frangach aig Waterloo agus b' ann am baile Chanino an sin a chaidh Louis Lucien a thogail.
Às dèidh ceum ann an ceimic agus mèinn-eòlas, chuir e beagan bhliadhnaichean seachad na neach-poileataigs san Fhraing, mus do ghluais e a Shasainn sna h-1850an. Cheannaich e taigh mòr am Bayswater ann am Westminster agus bha e aithnichte am measg urracha mòra an sin, an neach-poileataigs Uilleam Gladstone, an t-innleadair Alexander Graham Bell, agus a' Bhanrigh Bhictoria i fhèin am measg nan caraidean a bh' aige.
Ach choisinn e cuideachd cliù dha fhèin mar sgoilear chànanan.
“Bha ùidh mhòr, mhòr aige ann an cànanan na h-Eòrpa agus mion-chànanan gu sònraichte agus dual-chainntean agus mar a bha caochlaideachd anns na cànanan,” thuirt an t-Oll. Ó Maolalaigh.
“Agus bha e na eòlaiche air a' Bhasgais, bha e na eòlaiche air dual-chainntean na h-Eadailitis, agus bha e na eòlaiche air dual-chainntean na Beurla, agus ghabh e ùidh anns na cànanan Ceilteach cuideachd.”
Agus 's e an ùidh sin a thug dhan Ghàidhealtachd e an toiseach ann an 1858. Bha seo às dèidh dha tadhail air cuid de na h-àitichean eile far an’ robh na cànanan Ceilteach gam bruidhinn: Eilean Mhanainn ann 1852, a’ Chuimrigh ann an 1855, agus a’ Bhreatainn Bheag ann an 1857.
Bha amasan soilleir aige airson an turais.
“Thàinig e a dh'Alba a dh'ionnsachadh na Gàidhlig Albannaich agus a dh'ionnsachadh barrachd mu dheidhinn na Gàidhlig Albannaich agus gu sònraichte mu dheidhinn dual-chainntean na Gàidhlig,” thuirt an t-Oll. Ó Maolalaigh.
“Agus bha amas eile aige cuideachd oir bha ùidh mhòr, mhòr aige ann an leabhraichean agus thàinig e a cheannach tòrr leabhraichean Gàidhlig."
Turas sa Ghàidhealtachd
Tha rannsachadh an Oll. Ó Maolalaigh air sealltainn gun do thadhail Louis Lucien air Peairt, Inbhir Nis agus Cill Mhàilidh agus gun robh e cuideachd mu thuath ann an Inbhir Theòrsa, Inbhir Ùige agus Sealtainn.
Tha a h-uile coltas ann gun do rinn e turas dha na h-Eileanan an Iar cuideachd, ged nach eil fios càite dìreach an robh e an sin. Thigeadh e air ais chun na Gàidhealtachd ann an 1875 cuideachd, nuair a thadhail e air Earra-Ghàidheal.
Bha uidh mhòr aig na pàipearan-naidheachd san turas aige agus tha grunn iomraidhean annta air na h-oidhirpean aige gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh.
Nochd an aithris seo sa Scotsman air an 8mh den t-Sultain 1858.
On Friday, Wick was visited by Prince Louis Lucien Bonaparte, who is on a tour though the north and islands of Scotland. The prince arrived at the Caledonian Hotel, after visiting Thurso, and left on Saturday morning for Shetland, purposing on his return to visit Kirkwall and Stromness, and then to proceed to the Hebrides. During his stay in Inverness and neighbourhood, Prince Bonaparte made great progress in learning the Gaelic language, which he already speaks with considerable fluency. The prince travels incognito and unattended.
Gàidhlig a’ Phrionnsa
Ach dè cho fileanta agus a bha e dha-rìribh sa Gàidhlig? Tha an t-Oll. O'Maolalaigh ag ràdh gum feum sinn a bhith faiceallach le na diofar chunntasan a tha ann.
“Tha cuimhne agam gun do dh'innis an Dtr Iain MacAonghais a b' àbhaist a bhith ag obair ann an Sgoil Eòlais na h-Alba dhomh gun robh, anns a bheul-aithris, am Prionnsa anns an Eilean Sgitheanach ann an taigh Lachann a' Choire anns an Àth Leathann agus gun robh deagh Ghàidhlig aige.
“Ach tha an sgeulachd ag innse gun robh am Prionnsa còmhla ris an Dtr Samuel Johnson, ach bha esan air bàsachadh ann an 1784. Mar sin tha dà sgeulachd air a dhol an lùib a chèile, ach tha e fhathast inntinneach gun robh sin anns a' bheul-aithris.
“Mo bharail fhìn? Mar chànanaiche tha fhios gun robh comas air choireigin aige anns a' chànan ach bhithinn amharasach an robh e buileach cho fileanta agus a bha an Scotsman ag ràdh.
"Gu dearbh tha aiste aig Alasdair MacGriogair anns na Transactions of the Gaelic Society of Inverness a tha ag innse gur dòcha nach robh e buileach fileanta sa Ghàidhlig, ach gun robh e "ro-fhiosrach" mun chànan.”
'S e a tha follaiseach gun robh Louis Lucien aithnichte mar fhear a bha bàidheil don Ghàidhlig – caraid, fiù 's, dha na Gàidheil.
Abair, mar sin, gun robh dà là air tighinn air cliù an teaghlaich Bonaparte sa Ghàidhealtachd. Dìreach 50 bliadhna ron a sin bha bàird Ghàidhealach air a bhith a' dì-moladh Napoleon agus a' miannachadh bàs aithghearr dha, ann an òrain leithid ‘Òran do Bhonaparte’ le Seumas Seathach à Earra-ghàidheal.
Ged thig thu air tìr an Albainn
’N dòchas losgaidh agus marbhaidh,
Tha againne suas de dh’armailt,
Na shracas t-eanchainn agus t-fheoil
A dh’aindeoin beachd nam bàrd, bha ùidh aig Napoleon cuideachd ann an cultar nan Gàidheal. Bha e fìor dheidheil air dàin Oisein Mhic a’ Phearsain, agus thathar ag ràdh gum biodh e a’ giùlain leth-bhreac den eadar-theangachadh Eadailteach leis nuair a bha e air falbh aig na blàir.
Ach 's e ùidh aig astar, tro chànan eile, a bha aig Napoleon; chaidh Louis Lucien am measg nan Gàidheal agus an sàs sa chànan fhèin.
Agus tha an t-Oll. Ó Maolalaigh den bheachd gu bheil am Bonaparte eile seo airidh air barrachd cliù san là an-diugh airson a chuid obrach adhartaich ann an rannsachadh na Gàidhlig.
“Chuir am Prionnsa cuideam mòr air obair raoin, no fieldwork, agus tha sin cudromach. A thuilleadh air a sin tha mi a' smaoineachadh gun do sheall e dha a cho-aoisean gun robh luach anns a' Ghàidhlig. Ma bha sgoilear mòr, duine eadar-nàiseanta, a' sealltainn ùidh anns a’ Ghàidhlig, bha sin ann an dòigh a' cumail taic ris a' chànan.
“Tha mi a' smaoineachadh cuideachd gum feum sinn a dhol air ais agus sùil mhionaideach a thoirt air an obair a rinn e oir bha e fada ro àm ann an iomadach dòigh ann a bhith a' coimhead air dè cho eadar-dhealaichte agus dè a bha cho sònraichte mun Ghàidhlig Albannaich.”