£1.5m air ceuman eadar-amail Aiseag a' Chorrain

MV Corran
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an MV Corran a-mach à seirbheis fad bliadhna eadar an Dàmhair 2022 is an Dàmhair 2023.

  • Air fhoillseachadh

Chosg Comhairle na Gàidhealtachd còrr is £1.5m air ceuman eadar-amail aig Aiseag a' Chorrain an-uiridh nuair a bha na h-aiseagan àbhaisteach a-mach à seirbheis.

Tha am fiosrachadh a' nochdadh ann an aithisg a tha a' dol air beulaibh Comataidh Loch Abair Dimàirt, taobh a-muigh.

Bha trioblaidean mòra ann leis an t-seirbheis, a tha air a ruith leis an ùghdarras ionadail, anns na mìosan mu dheireadh, a' toirt buaidh mhòr air muinntir an àite is companaidhean ionadail gu sònraichte.

Bha am prìomh bhàta, an MV Corran, a-mach à seirbheis fad bliadhna bhon Dàmhair 2022.

Bhuail cuideachd sreath de thrioblaidean air an dàrna aiseag, an MV Maid of Glencoul, a tha nas lugha is nas sine.

Dh'fhàg seo gun robh an t-seirbheis uaireannan na tàmh gu tur, ged a chuir a' Chomhairle bàtaichean nas lugha air dòigh do luchd-coiseachd a-mhàin.

Tha an aithisg ùr ag innse gun deach còrr is £1.1m a chosg air seirbheis do luchd-coiseachd eadar Àird Ghobhar is Loch Abar Ìochdarach.

Chaidh cuideachd còrr is £300,000 a chosg air leasachaidhean rathaid, seirbheisean bus, is stiùireadh trafaig an cois an t-suidheachaidh a bh' ann.

MV Maid of Glencoul
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an aithisg ùr ag ràdh gun robh am Maid of Glencoul "ag obair uamhasach fhèin cruaidh" nuair a bha an Corran a-mach à seirbheis ann an 2023. Tha am Maid air a bhith briste bhon Lùnastal.

Tha an aithisg cuideachd a' toirt seachad an fhiosrachaidh as ùire mun Maid of Glencoul, a tha air a bhith briste bhon Lùnastal.

Tha a' Chomhairle ag innse gu bheil aois an t-soithich (tha cha mhòr 50 bliadhna bho chaidh a togail) air fàgail gu bheil e air "a bhith dùbhlanach" pàirtean fhaighinn is obair-càraidh a dhèanamh.

Thathas ag innse ge-tà, gu bheil dùil ri einnseanairean ro dheireadh na mìos is gu bheil a' Chomhairle "dòchasach" gun soirbhich leis an fhuasgladh a tha san amharc aca.

Ach tha an aithisg ag ràdh gu bheil e foilleasach gu bheil feum air bàta ùr 'son a dhol an àite am Maid cho luath 's a ghabhas.

Tha an obair-dealbhachaidh air a' bhàta sin "cha mhòr deiseil".

Tha seo mar phàirt de phlanaichean a dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd ann an 2022 airson dà aiseag ùr a bhiodh a' ruith air dealan a chur air slighe a' Chorrain.

Rachadh aona bhàta a thogail an toiseach, is thigeadh an tè eile às dèidh sin.

Tha a' Chomhairle air a bhith ag obair còmhla ri CMAL feuch am b'urrainn dhaibh co-obrachadh gus na bàtaichean ùra a thoirt gu buil.

Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast air dè dìreach am modail a bhiodh ann.

Tha an aithisg ag ràdh ge-tà, nach eil dad a' cur maill air na bàtaichean ùra a cheannach "ach a-mhàin maoineachadh".

Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte san t-Samhain gun tèid £20m à Aonta Baile agus Sgìre Inbhir Nis is na Gàidhealtachd a chosg air leasachaidhean bun-structair aig Aiseag a' Chorrain.