"Laigse mhòr" ann am Bile ùr nam Meadhanan

MG Alba
  • Air fhoillseachadh

Tha laigse mhòr ann Bile ùr nam Meadhanan a tha a' dol dhan dàrna leughadh ann an Taigh nan Cumantan Dimàirt.

Sin beachd MG Alba a tha ag ràdh gu bheil beàrn fìor mhòr sa bhile leis nach eil ann ach iomradh fior bheag air craoladh na Gàidhlig.

"Tha e dìreach a' toirt iomradh beag air a' Ghàidhlig, ach 's e rud a tha gu math follaiseach, gu bheil an t-uabhas anns a' bhile mu dheidhinn Cuimris agus mu dheidhinn S4C," thuirt Cathraiche MG Alba, Iain Moireasdan.

"'S e na tha a dhìth oirnne, gu bheil Gàidhlig agus seirbheis Ghàidhlig air a dhìon fon lagh.

"Chan fhaigh thu sin mura h-eil e air ainmeachadh anns a' bhile.

"Chunnaic sinn beagan dìreach, iomradh air a' Ghàidhlig ann an Òraid an Rìgh, no co-dhiù anns an fhiosrachadh a thàinig a-mach còmhla ri Òraid an Rìgh, gum biodh Gàidhlig a' faighinn prìomhachais - ach chan eil e anns a' bhile.

"Mar sin chan eil dìon laghail aig Gàidhlig no aig an t-seirbheis Ghàidhlig.

"Ciamar as urrainn dha aon mhion-chànan Bhreatannach uimhir fhaighinn agus gun iomradh air cànan eile?

"Mar sin tha sinne a' dol a chumail a' putadh airson seo, tha sinn a' dol a bhruidhinn ri luchd-poilitigs anns gach pàrtaidh ann an Taigh nan Cumantan.

"Tha sinn cuideachd a' bruidhinn ri feadhainn ann an Taigh nam Morairean, tha ùidh mhòr acasan anns a' ghnothach cuideachd, agus bidh grunn chothroman againn feuchainn ri atharrachaidhean a dhèanamh an seo.

Reòthadh

"'S e rud mu dheidhinn seo gu bheil sinn a' faighinn tòrr blàiths nuair a tha sinn a' bruidhinn ri daoine.

"Tha a h-uile duine ag ràdh "uill tha sinn a' tuigsinn gu bheil MG Alba, 's BBC ALBA, 's am BBC ag obair còmhla, gu bheil an t-seanal ag obrachadh math.

"Tha iad a' tuigsinn gu bheil airgead gann dha-rìribh.

"Bidh fhios agaibh gun deach cead-craolaidh a' BhBC a reòthadh airson dà bhliadhna - chaidh an t-airgead a tha MG Alba a' faighinn a reòthadh airson 10 bliadhna. Còig tursan nas miosa.

"Mar sin tha sinn ag iarraidh prìomhachais anns an lagh, gu bheil e air ainmeachadh gum feum seirbheis choileanta Ghàidhlig a bhith ann, agus gu bheil taic-airgid cheart air a cùlaibh.

"Feumaidh sinn a bhith dòchasach 's feumaidh sinn cumail a' putadh air a shon.

"'S e an t-atharrachadh a tha sinn ag iarraidh, gun tèid Gàidhlig agus seirbheis Ghàidhlig aimeachadh anns a' bhile, le làn-chòraichean.

"Niste chan eil dùil againn gum faigh sinn na tha na Cuimrich air fhaighinn 'son tha sin an dèis a bhith acasan airson iomadach bliadhna mhòr a-niste, ach tha sinn ag iarraidh gum bi Gàidhlig air a dìon san lagh agus seirbheis telebhisein Ghàidhlig.

"Saoilidh mi gur e rud gu math beag a tha sin - gu sònraichte seach gu bheil an t-seirbheis ann, agus gu bheil thu a' dìon rud a th' ann mar-thà," thuirt e.