Càirdean diombach mu 'shàmhchair' rannsachadh bhàsan Chovid
- Air fhoillseachadh
Tha teaghlaichean ag ràdh nach eil iad a' faighinn ach 'sàmhchair' bho luchd-casaid a tha a' rannsachadh bàs nam mìltean dhaoine ann an Alba air sgàth Covid.
Stèidhicheadh aonad Oifis a' Chrùin fa leth ann an 2020 ach o nuairsin cha deach casaidean eucoir air duine sam bith agus cha do thòisich ach aon rannsachadh tubaist bhàsmhor.
Tha luchd-casaid ag ràdh gur e an rannsachadh bhàsan as motha a-riamh a chumadh an Alba le mòran chùisean toinnte ann.
Ach tha Iain Gòrdan, a chaill athair an dèidh dha bàsachadh ann an dachaigh-cùraim am Port Rìgh, ag ràdh gu bheil teaghlaichean airidh air barrachd mìneachaidh.
Bha Iain Aonghas Gòrdan, 83, air aon de 12 luchd-còmhnaidh aig dachaigh-cùraim Home Farm a bhàsaich ann an 2020 an dèidh Covid thighinn orra.
Dh'fhàg riaghailtean a' ghlasaidh nach b' urrainn dha a theaghlach tadhal air nuair a bha e a' dol bhuaithe. B' ann air Facetime a rinn iad còmhradh mu dheireadh leis.
Tha Iain Gòrdan agus an teaghlach a' càineadh cho beag de dh'fhiosrachadh 's a tha iad a' faighinn mu rannsachaidhean nam poileas agus Oifis a' Chrùin mu na thachair aig Home Farm.
Thuirt e: "Aig an toiseach, chaidh innse do dhaoine gun tèid mar a bhàsaich an luchd-gràidh a sgrùdadh agus a-nis tha e coltach nach eil mòran de na teaghlaichean a' faighinn ach sàmhchair.
"Tha thu fhathast a' feitheamh airson freagairtean agus fios agad gu bheil obair a' dol air adhart ach chan eil fiosrachadh ga chumail riut," thuirt Mgr Gòrdan.
Dh'innis luchd-casaid do bhuill-phàrlamaid Albannach air a' mhìos a chaidh gum biodh e duilich fios a bhith ann le cinnt air cuine a bhiodh an rannschadh Covid deiseil.
Tha Riaghaltas na h-Alba air £11m de mhaoineachadh a thoirt do sgioba an rannsachaidh Chovid sa bheil còrr is 90 luchd-obrach an sàs.
Tha iad ag obair air 4,468 cùisean a rèir àireamhan a chaidh a thoirt dhan BhBC.
Nam measg, tha 4,047 de bhàsan ann an dachaighean-cùraim, 369 de bhàsan ospadail, 16 bàsan sa phrìosan agus 36 bàsan am measg luchd-obrach.
Nì an luchd-casaid co-dhùnadh fhathast am bu chòir rannsachadh tubaist bhàsmhor a chumail neo casaidean eucoir a thogail co-cheangailte ri cuid de na cùisean sin.
Gu ruige seo chaidh ciad athaisg a dhèanamh air timcheall air 1,100 de na cùisean, air neo chaidh co-dhùnadh sgrùdadh nas mionaidiche a dhèanamh air cùis.
'S e as coireach gu ìre mhòir gu bheil dàil sa rannsachadh gu bheil Oifis a' Chrùin a' feitheamh airson fiosrachaidh bho bhuidhnean poblach eile, mar bhùird-shlàinte, agus aithisgean bho eòlaichean neo-eisimeileach.
Cho math ri sgrùdadh Oifis a' Chrùin, tha rannsachaidhean poblach na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba a' dol feuch dè na leasanan a ghabhas ionnsachadh bho mar a chaidh an èiginn slàinte phoblaich a làimhseachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Cèitean 2020
- Air fhoillseachadh7 An Cèitean 2020
- Air fhoillseachadh4 An Cèitean 2020
- Air fhoillseachadh12 An Cèitean 2020
- Air fhoillseachadh23 An t-Ògmhios 2020